An Loch Indaal an làmhan CMAL

- Air fhoillseachadh
Tha an MV Loch Indaal, an dàrna aiseag a-mach à ceithir bàtaichean ùra a tha gàrradh san Tuirc a' togail do ChalMac, a-nise ann an làmhan CMAL gu h-oifigeil.
Thàinig a' chiad aiseag, an MV Isle of Islay, a-steach gu seirbheis sa Mhàrt am-bliadhna.
Ged a tha an Isle of Islay air a bhith air a cur gu feum air diofar shlighean bho thòisich i, chaidh i fhèin agus an Loch Indaal a thogail 'son a bhith a' frithealadh air Ìle.
Dhearbh CMAL Diciadain gu bheil an Loch Indaal a-nise air teisteanas fhaighinn bhon MCA agus bho Lloyd's Register is gu bheil iad ga h-ullachadh airson seòladh à Muir Marmara a dh' Alba.
'S iad CalMac fhèin a bhios os cionn an turais.
Nì iad an uairsin deuchainnean mara ann an Alba fhad 's a chuireas an criutha eòlas air an Loch Indaal mus tig i a-steach gu seirbheis.
Aiseagan ùra Ìle gan ainmeachadh
- Air fhoillseachadh18 An Cèitean 2023
Obair gus tòiseachadh air aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2023
Ceistean mu bhàt'-aiseig ùr na Hearadh
- Air fhoillseachadh25 An t-Samhain 2022
Bha Àrd-oifigear ChalMac am measg na chuir fàilte air an naidheachd Diciadain.
Thuirt Donnchadh Mackison gur e "ceum cudromach eile a th' ann ann an bhith ag ùrachadh a' chabhlach againn."
"Tha an MV Isle of Islay mar-thà air cur gu mòr ris na seirbheisean againn, tha i seasmhach is sùbailte is tha air a bhith a' frithealadh air Ìle a thuilleadh air grunn shlighean eile nuair a bha feum oirre", thuirt e.
Rinn CMAL òrdughan luach timcheall air £200m le Gàrradh Cemre san Tuirc ann an 2022 is 2023 airson ceithir bàtaichean ùra a thogail dhaibh.
A thuilleadh air an Isle of Islay is an Loch Indaal do dh'Ìle, thathar a' togail an MV Lochmor is an MV Claymore airson a dhol eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath is na Hearadh.
MV Isle of Islay air seòladh
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt
CMAL air sealbh a ghabhail air aiseagan Ghàrradh Cemre
- Air fhoillseachadh26 An t-Ògmhios
Ìlich "seachd searbh" de dhàil air an Loch Indaal
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain
Bha dùil bho thùs gum biodh an Isle of Islay ann an làmhan CMAL san Dàmhair 2024, an MV Loch Indaal tràth ann an 2025, is an dà bhata airson nan Eilean Siar ro dheireadh 2025.
Chaidh dàil air na bàtaichean uile is na cogaidhean san Ucràin is Iran air an coireachadh, a thuilleadh air mì-chinnt eaconomach san fharsaingeachd.
Thàinig e am bàrr as t-samhradh gun robh CMAL air sealbh a ghabhail gu h-oifigeil air na trì bàtaichean a bhathar fhathast a' togail dhaibh san Tuirc.
Thuirt a' chompanaidh gun do rinn iad seo gus dìon a chur air a' phròiseact aig àm nuair a tha "suidheachadh ionmhais gu math dùbhlanach" a' bualadh air Gàrradh Cemre san Tuirc.
Tha dùil a-nise gum bi an MV Lochmor is an MV Claymore ann an Alba sa chiad leth de 2027.