"Seasmhachd" a dhìth air An Crùbh "'son gun urrainn dhuinn coimhead air adhart"

Fear maol le feusag ghoirid liath. Tha seacaid ghorm agus lèine dhearg air.
  • Air fhoillseachadh

Tha cathraiche ionad coimhearsnachd an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich ag ràdh gu bheil e a' sìor fhàs doirbh dhaibh an goireas a ruith gun mhanaidsear a tha pàighte.

Tha Tormod MacGilleÌosa ag ràdh gur e daoine ag obair gu saor-thoileach a tha a' cumail An Crùbh a' dol agus dh'iarr e gum faighear maoineachadh a bharrachd airson 's gun tèid aca air fàs seach dìreach a bhith a' dèanamh a' chùis.

Tha e a' cumail a-mach gu bheil taic a bharrachd a dhìth anns an fharsaingeachd do dh'ionadan is buidhnean coimhearsnachd.

Tha Mgr MacGilleÌosa ag ràdh "gur e mìorbhail a th' anns an àite seo nuair a chì thu an togalach agus na tha a' tachairt na bhroinn".

Ge-tà, tha iad air a bhith às aonais oifigeir leasachaidh agus mhanaidseir cheart airson trì bliadhna, agus tha e air a bhith na dhùbhlan dhaibh maoineachadh fhaighinn a phàigheas airson na dreuchd sin.

Dh'iarr e gum biodh buidhnean maoineachaidh "nas fhaisge air coimhearsnachdan seach a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean mu dheidhinn choimhearsnachdan ann an Dùn Èideann neo ann an Lunnainn".

Thuirt e: "Rud a bh' againn bho chionn 20 bliadhna nuair a bha barrachd eòlais ionadail ann a thaobh daoine a bha ag obair ann an leasachadh."

Taobh a-muigh An Crùbh. Tha na speuran gorma os cionn an togalaich is tha bùird a-muigh.

'S e Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil a thog An Crùbh le taic còrr is £1m bho Mhaoin a' Chrannchuir, £600,000 bho Mhaoin Choimhearsnachdan a' Chladaich, is £100,000 bho HIE.

Dh'fhosgail an togalach, sa bheil Oifis a' Phùist, bùth, àite-bìdh is àite-cruinneachaidh, ann an 2017.

Tha Mgr MacGilleÌosa ag ràdh gum feum iad am pròiseact a chumail a' dol agus prothaid a dhèanamh airson agus gun gabh barrachd cur ris.

Taobh a-muigh An Crùbh. Tha soidhne ann le Shop&Deli, bùth, is Post Office sgrìobhte air.

Thuirt e: "'S e an rud a tha a dhìth oirnn a bhith nas seasmhaiche airson gun urrainn dhuinn coimhead air adhart."

"Tha na co-dhùnaidhean a' fàs nas fhaide air falbh on choimhearsnachd agus chan eil an t-eòlas coimhearsnachd aig na buidhnean mar a b' àbhaist a bhith aca.

"Chan eil an t-airgead san t-siostam sin mar a bha e. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil HIE air gearradh air ais trì chairteal air na bh' ann bho chionn 20 bliadhna.

"Tha airgead ri lorg san là a th' ann ma tha thu èasgaidh agus math air iarrtasan a sgrìobhadh ach, aig an dearbh àm, chan eil an aon eòlas air dè na feumalachdan a th' aig coimhearsnachdan sònraichte."