Naidheachdan 11:00m
Neets
Thèid molaidhean fhoillseachadh an-diugh ag iarraidh atharrachadh mòr airson faisg air 450,000 òigridh a bharrachd a chur gu cosnadh san ath dheich bliadhna. Tha Ailean Milburn, a bha na mhinistear Làbarach, ag iarraidh siostam nan sochairean atharrachadh airson gum pàigheadh sin cuid den chosgais airson taic do dh'fhaisg air millean duine òg nach eil ann an cosnadh no ann an oideachadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum beachdaich iad gu mionaideach air buaidh na h-aithisg.
Cion-cosnaidh
Thuit àireamhan cion-cosnaidh na h-Alba beagan air an treas cairteal den bhliadhna. Bha an ìre sìos gu 4.7% eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain. 'S e 4.6% a bh' ann air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
NHS Roinn a' Mhonaidh
Bheir Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba feasgar an dèidh aithisg na seachdain 's a chaidh a rinn dubh-chàineadh air NHS Sgìre Roinn a' Mhonaidh. Thuirt Leasachadh Slàinte na h-Alba san aithisg gun do dh'fhuiling euslaintich leis nach do dh'ionnsaich am bòrd-slàinte bho mhearachdan a rinn iad ron seo.
Luchd-siridh comraich
Nì Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte atharrachadh san lagh gus nach tig orra tuilleadh innse ro làimh do luchd-siridh comraich gu bheileas gan cur a-mach às an dùthaich. An-dràsta, thèid sin innse còig là ro làimh do dh'fheadhainn nach d' fhuair cead fuireach, ach tha ministearan den bheachd gu bheil sin a' toirt ùine dhaibh ath-thagradh a dhèanamh a tha a' cur maill air a' phròiseas.
Connadh
Tha comainn nan dràibhearan, an RAC is an AA, ag ràdh nach eil prìs a' pheatrail agus an dìosail aig a' phump a' tuiteam cho luath 's a tha a' bhun-phrìs anns na seachdainean mu dheireadh. Tha peatral sìos 10sg an liotair bho àirde anns an Dàmhair, agus chan eil dìosal ach 5sg nas saoire.
Maoin Aiseagan
Tha buill-phàrlamaid Làbarach nan Eilean Siar a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach do chùm iad ris na gheall iad de thaic-airgid do luchd-gnothaich a tha a' fulang le trioblaidean nan seirbheisean aiseig. Tha Dòmhnall MacFhionghain agus Torcuil Crichton ag ràdh nach d' fhuair iad ach £3m den £10m a gheall am Prìomh Mhinistear, John Swinney, aig àm an taghaidh sa Chèitean. Thuirt Ministear nan Eilean, Jim Fairley, gun tèid an t-airgead a thoirt seachad ann an ùine na pàrlamaid seo.