Stoirm Boelo a' cuideachadh le obair lus a thilleadh gu uisgeachan na h-Alba

Thog Diorbhail Wentworth agus an còrr den sgioba mu 12,000 gas bilearaich-mhara bhon chladach an dèidh nan stoirmean a bh' againn bho chionn ghoirid
- Air fhoillseachadh
Tha pròiseactan a' dol air costaichean na h-Alba feuch 14 heactair de lus a tha fìor chudromach do dh'àrainneachd na mara ath-stèidheachadh.
Bha bilearach-mara (Zostera marina), lus coltach ri feur a tha a' fàs fon uisge, uair gu math cumanta an uisgeachan na dùthcha.
Ach thàinig crìonadh mòr sa 100 bliadhna a dh'fhalbh air an lus a tha a' feumail airson càrbon a stòradh, air sgàth galair is obair Mhic an duine mar dhreidseadh chreachain agus truailleadh.
Tha obair a' dol an iomadh àite, taobh a-muigh bilearach-mara a thilleadh do ghrunnd na mara, nam measg ann an Loch Iù an Inbhir Àsdail air Taobh Siar Rois, taobh a-muigh far an robh am bilearach-mara uair pailt.

Tha am bilearach-mara a' stòradh càrboin, a' cumail fasgaidh ri creutairean mara agus a' glanadh an t-sàile
Tha an làrach ath-stèidheachaidh taobh a-staigh chrìochan Raon Dìon Mara Taobh Siar Rois, far am faicte fhathast an 2010 an glè bheag de na bh' air fhàgail de sheann raon bhilearaich-mhara.
Tha Diorbhail Wentworth a tha os cionn a' phròiseict ag ràdh gu bheil an lus "mar phàirt de dh'èiceo-shiostam fallain" a' cumail fasgaidh do mhaorach agus iasg mar an sìol-ghobach agus an sgadan.
Thuirt i: "Tha e a' cuideachadh le bhith a' glanadh an uisge. Tha e a' cuideachadh gus stad a chur air bleith grunnd na mara, agus ma tha stoirmean ann tha bilearach-mara a' cuideachadh le bhith a' cur stad air cron air na cladaichean."
Ge-tà, 's e na thig den lus air tìr an dèidh sìde ghairbh agus muir mhòir a dh'fheumas iad airson an cuid obrach.
Cearcaill a' chuain: bilearach-mara air fhiolmadh an Caolas Bharraigh
- Air fhoillseachadh20 Am Faoilleach
Nuair a bhuail Stoirm Boelo o chionn ghoirid thog iad còrr is 12,000 gas bho am measg na feamad air an tràigh.
Bidh na chruinneachas iad gan cumail ann an tancaichean làn sàile thar a' gheamhraidh.
As t-earrach agus as t-samhradh bidh iad a' snàmh a-mach a chur a' bhilearaich-mhara air ais dhan mhuir.
Thuirt Diorbhail gun do chuir iad timcheall air 1,000 coisean.
"Tha e fhathast ann agus tha e fhathast a' fàs fiù 's às dèidh na stoirme, agus tha sinn gu math toilichte leis an sin," thuirt i.

Bithear a' fàs na thogas iad den bhilearach-mhara bhon chladach ann an tancaichean thar a' gheamhraidh gus am bi e làidir gu leòr a thilleadh dhan mhuir
A bharrachd air Inbhir Àsdail, tha pròiseactan a' dol an Sealtainn, na h-Eileanan an Iar, Cromba, Inbhir Èireann agus Mon Rois, am measg eile.
Tha Katherine Knight bhon bhuidhinn Maoin-leasachaidh Àrainneachd Mara na h-Alba ag ràdh gur e adhbhar misneachd a th' ann gur iad "na coimhearsnachdan a tha aig an stiùir".
Thuirt i: "'S aithne dhaibh an sgìre, 's aithne dhaibh a' choimhearsnachd. 'S iad na daoine a chunnaic an t-atharrachadh seo le an sùilean fhèin agus tha e mìorbhaileach cothrom a thoirt dhaibh rudeigin a dhèanamh 'son a rèiteach."
Anns an 10 bliadhna on thòisich ath-stèidheachadh a' bhilearaich-mhara dh'fheuch iad grunn diofar dhòighean airson fhàs.
Cha deach cho math le bhith a' cur sìl ach tha thar-phlanntachadh nan deichean mhìltean de lusan leasaichte air soirbheachadh gu mòr.
Seo am pròiseas a th' aca an Inbhir Àsdail far a bheil iad an dòchas a dhol seachad air targaid 0.5 heactair agus an tuilleadh raointean den lus phrìseil seo ath-stèidhicheadh sna bliadhnaichean ri teachd.