Àrd-urram Pòlannach do bhoireannach air Ghàidhealtachd an dèidh cruadail san Dàrna Cogadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh urram mòr a bhuileachadh air boireannach às a' Phòlainn a tha a' fuireach air Ghàidhealtachd airson na dh'fhuiling i na h-òige aig àm an Dàrna Cogaidh.
Bha Helena Rosol, a tha a-niste 93 agus a' fuireach ann an Dachaigh-cùraim an Eilein Duibh anns a' Chananaich, dìreach sia bliadhna de dh'aois nuair a thug an t-Aonadh Sòibhietach ionnsaigh air a' Phòlainn bhon ear anns an t-Sultain 1939 - dìreach seachdainnean an dèidh do na Natsaich ionnsaigh a thoirt air an dùthaich bhon iar.
Anns a' Ghearran 1940, bha Helena agus a teaghlach am measg nan ceudan mhìltean Phòlannach a chuireadh às an dachannan 's gu campaichean tràilleachd ann an Siberia, air taobh sear na Ruis, far an do dh'fhuiling iad cion a' bhìdhe agus ghalairean.
Tha Ceann-Suidhe na Pòlainne a-niste air Crois Fhògarrach Siberia a bhuileachadh oirre, a chaidh a thoirt dhi le Consul na Pòlainne ann an Alba, Renata Wasilewska-Mazur Diluain.

Helena Rosol, aois 8, ann an taigh dhìleachdain sna h-Ìnnseachain
'S i Helena an aon bhall de a teaghlach a thàinig tron chogadh beò, an dèidh a bhith air a toirt bho a dachaigh ann an sgìre dhùthchail den Phòlainn le saighdearan Ruiseannach.
"Chaidh ar dùsgadh. Bha e fhathast dorcha. Thàinig saighdearan a-steach - saighdearan Ruiseannach - agus dh'innis iad dhuinn èirigh 's falbh," thuirt i ris a' BhBC.
Chaidh an toirt gu gulag - campaichean far an tug na Sòibhietich air prìosanaich a bhith ri obair chruaidh fada a-steach dhan Ruis.
"Bha piuthair bheag agam, Veronica. Chan eil cuimhne agam ciamar a chaidh ar toirt ann, ach chaidh agus 's ann an sin a ràinig sin," thuirt i.
"Bhàsaich bean m' athar agus an nighean bheag, agus bhàsaich m' athair cuideachd, 's bha mi nam aonar."
Cha bheag an t-astar a bh' aice ri dhol gus sàbhailteachd fhaighinn.

Chaidh an t-urram a bhuileachadh air Helena le Consul na Pòlainn ann an Alba, Renata Wasilewska-Mazur aig seirbheis ann an Dachaigh-cùraim an Eilein Duibh sa Chananaich
Anns an Ògmhios 1941, ràinig riaghaltas fògarrach na Pòlainne aonta leis an Aonadh Shòibhieteach fon deach na prìosanaich a shaoradh.
Bha aca ri coiseachd tro Chasagstan, Iran agus Afganastan mus do ràinig iad na h-Ìnnseachain, far an deach Helena a dh'fhuireach ann an dachaigh do dhìleachdain.
B' ann air an t-slighe chun nan Ìnnseachan a bhàsaich a h-athair.
Mun àm a bha i 16 bliadhna de dh'aois bha i air coinneachadh ri fear à Sasainn a phòs i, 's rinn i a dachaigh ann an Oxfordshire, far an do thog i teaghlach.
"Aig an aois sin, a' dol tro na bha mi a' dol troimhe, rud an dèidh rud eile, bha mi gu math toilichte cuideigin a bhith agam, cuideigin cùramach," thuirt i.
"Agus bha teaghlach aige le bràithrean agus peathraichean, fhad 's a bha mise daonnan nam aonar."

Thuirt nighean Helena, Liz Peck, gu bheil i moiteil gu bheil an t-urram ga bhuileachadh air a màthair
Thuirt nighean Helena, Liz Peck, gun robh a màthair "an grèim" anns an àm dhoirbh sin na beatha, 's gun robh i tric a' faireachdainn ciontach gun tàinig i troimhe beò.
"Cha mhòr nach e gu bheil i ga glacadh fhèin a' faireachdainn sona, 's an uair sin gun cuimhnich i," thuirt i.
Chan eil a teaghlach fiù 's buileach cinnteach cuin dìreach a rugadh Helena, leis a' bhuaireadh a bh' ann na h-òige.

Phòs Helena ann an Sasainn, far an do thog i teaghlach
"Nuair a bha i sa champa ann an Siberia, bha aice ri coimhead an dèidh nighean aois dhà agus leanabh," thuirt Liz.
"Bha i sia. B' fheudar dhi biadh a lorg. 'S chan iarr mo mhàthair dad air duine.
"Bhiodh i a' dol a choimhead airso bìdh, agus lorg i rùsg bhuntàt' air cùl a' chidsin, na làighe san t-sneachda. Thàinig i beò air rùsg bhuntàt', 's bhiodh i ga toirt do na h-ìgheanan cuideachd."
Lìbhis: grèim air a' ghainmhich ghil
- Air fhoillseachadh14 An Lùnastal 2020
Ghluais Helena gu Alba nas fhaide de a beatha, agus tha i ag ràdh gu bheil e a' còrdadh rithe leis gu bheil daoine "nas coibhneile do choigrich".
Chaidh urram Chrois Fhògarrach Siberia a stèidheachadh san Dàmhair 2003 airson aithne a thoirt do na dh'fhuiling na fògarraich.
Thuirt Liz gun do chuir an duine aicese fios air Ambasaid na Pòlainne a dh'innse dhaibh mu sgeulachd a màthar, 's gur ann an dèidh sin a bhuilich iad an t-urram oirre.
Thuirt Helena gur e urram a bh' ann dhan teaghlach a chaill i, agus do na mìltean thar mhìltean Phòlannach a chaill an saoghal leis na thachair.
"Chan eil mòran againn ann tuilleadh a chuimhnicheas," thuirt i.
"Tha droch bheatha speisealta air a bhith agam. Tha mi an dòchas nach fhuiling duine eile a leithid."
A' coimhead air ais air a beatha, thuirt Helena gu bheil i "sona, gu dearbha".
"Ach tha e caran neònach a bhith a' smaoineachadh air mar a thàinig mise troimhe beò 's gun do bhàsaich mo theaghlach air fad.
"Nuair a smaoinicheas mi mu dheidhinn, tha mi fòrtanach dha-rìribh."