Rabhadh do thè a bha ag obair aig taigh-cùraim air an do rinn am BBC sgrùdadh

Dealbh de thogalach mòr geal air a thogail bho gu h-àrd
  • Air fhoillseachadh

Chaidh rabhadh a thoirt do bhoireannach a bha ag obair aig dachaigh-cùraim air an do rinn am BBC sgrùdadh an dèidh dhi aideachadh gun do chuir i euslainteach so-leònta mun cuairt.

Chuala èisteachd gun do chuir Oluwabunmi Salami suas leabaidh fear-còmhnaidh gun rabhadh a thoirt dha agus nach do dh'fheuch i ri a shocrachadh nuair a bha e follaiseach gun robh e troimh chèile.

Chaidh cumhachan a chur air cead Salami airson trì bliadhna, agus chaidh innse dhi gum feumadh i crìoch a chur air trèanadh taobh a-staigh trì mìosan.

Bha i air aon den luchd-obrach a chaidh a chlàradh gu dìomhair aig Dachaigh-cùraim Castlehill ann an Inbhir Nis mar phàirt de phrògram a' BhBC.

Thuirt a' chompanaidh leis a bheil an goireas, Morar Living, gun robh gnothach sam bith a' buntainn ri euslaintich "fìor chudromach" dhaibh.

Chaidh an èisteachd a chumail le Comhairle nan Seirbheisean Sòisealta Albannach (SSSC).

Thug iad rabhadh do Shalami agus thuirt iad rithe gum feumadh i an trèanadh mu mhodhan obrach agus inbhean cùraim shòisealta a chrìochnachadh, agus cunntas ullachadh a' meòrachadh air na dh'ionnsaich i.

San t-Sultain, chaill neach-cùraim eile aig an dachaigh an clàradh aice an dèidh mar a chaidh a filmeadh a' fanaid agus a' maoidheadh air fireannach le seargadh-inntinn nach b' urrainn cathrachadh bhon leabaidh.

Fhuaireadh gun tuirt Amina Sani ris an duine, 81, gum faigheadh i na poilis agus gun toireadh i sgleog dha nuair a dh'fhàs e troimh chèile agus i a' dol a thoirt fras dha an aghaidh a thoil.

Chùm i oirre a' nighe an duine fhad 's a chùm neach-glanaidh greim air a ghàirdeanan.

Thuirt neach-lagha Amina Sani ri èisteachd mì-ghiùlan Comhairle nan Seirbheisean Sòisealta Albannach nach d' fhuair i trèanadh ceart agus gur e seo a' chiad obair a bh' aice san Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Morar Living, leis a bheil an dachaigh, nach robh "fìrinn sam bith" sa chasaid aig Sani nach deach a trèanadh gu dòigheil.

Thuirt neach-labhairt: "Cha bu chòir gabhail ris an dol a-mach aig an luchd-obrach a chaidh a nochdadh, agus nach robh a rèir nan inbhean a tha sinn a' sùileachadh bhon luchd-obrach againn.

"Nuair a chuala sinn mu na draghan, rinn sinn mar bu chòir sa bhad, agus chaidh an neach-obrach a chur far an dreuchd fhad 's a bha sgrùdadh a' dol agus chaill iad an obair às dèidh sin.

"Chuir Morar Living fios gu Comhairle nan Seirbheisean Sòisealta Albannach agus bha sinn a' co-obrachadh le gach ùghdarras riaghlaidh."

Thuirt iad gu bheil sàbhailteachd agus sunnd an luchd-còmhnaidh na phrìomhachas dhaibh.