Iomairt gus nach bi pàiste sam bith sna h-eileanan às aonais tiodhlaic Nollaige

Ceithir prèasantan air am pasgadh am pàipear donn is dearg le ribeanan dearga ùmpaTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thug an Salvation Army seachad còrr is 1,000 tiodhlac do dh'eileanaich an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Tha an Salvation Army ann an Steòrnabhagh ag iarraidh air muinntir nan Eilean Siar prèasantan a thoirt dhaibh airson dèanamh cinnteach gum bi rudeigin aig cloinn ann an dachaighean nas miosa dheth a dh'fhosglas iad Là na Nollaige.

Ann an 2025, thug iad taic do chòrr air 130 dachaighean, agus fhuair teaghlaichean còrr is 1,000 tiodhlac.

Tha an eaglais is cathrannas an dùil gum bi iarrtas mòr ann mar a bha an-uiridh agus tha iad gu sònraichte ag iarraidh stuth a bhios freagarrach do dheugairean.

Thuirt ceannard Salvation Army Steòrnabhaigh, an Caiptean Mark Scoulding: "Bidh daoine gu nàdarrach a' smaoineachadh air clann bheaga nuair a cheannaicheas iad tiodhlacan Nollaige ach tha clann nas sine a cheart cho airidh air an aon seòrsa tlachd agus diù madainn na Nollaige."

Tha an iomairt a' faighinn taice bho Mhorair-ionaid a' Chrùin do na h-Eileanan an Iar, Iain MacAmhlaigh, a bha roimhe na cheannard air Roinn na h-Obrach Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt e: "Dh'fhaodadh gun dèanadh iomairt Salvation Army Steòrnabhaigh diofar mòr do bheatha òigridh air feadh nan Eilean Siar, le bhith a' toirt dhaibh saor-làithean nas sona.

"Faodaidh ar cuid fialaidheachd maireachdainn fada às dèidh na Nollaige, a' toirt misneachd dhaibh, a' cur ri an fèin-luach agus a' togail suas an inntinn fad na bliadhna."

"Fialaidheachd dhaoine"

Thàinig còrr is an dàrna leth de na h-iarrtasan a fhuair iad an-uiridh bho dhachaighean far nach eil ach aon phàrant, agus thugadh taic do theaghlaichean air an tuath agus sna bailtean.

Tha an Caiptean Scoulding ag ràdh gu bheil cosgaisean bith-beò a tha a' sìor èirigh "a' cur uallaich a bharrachd air teaghlaichean sna h-Eileanan agus a' fàgail gu bheil fiù 's daoine a tha a' cosnadh a' fuireach ann am bochdainn".

"Le fialaidheachd dhaoine air feadh nan eilean againn, tha sinn ag obair gu cruaidh gus nach bi pàiste sam bith a' fàireachdainn gu bheil iad air am fàgail às aig àm na Nollaige," thuirt e.

Bidh Iomairt Nollaige 2026 na h-eaglaise a' dol chun an 29mh den t-Samhain.

Bidh àitichean air feadh nan Eilean Siar far am faod daoine prèasantan ùra gun phasgadh orra fhàgail.

Gheibhear an còrr fiosrachaidh mun iomairt ac air làrach-lìn na h-eaglaise an seo, taobh a-muigh.