Dragh nach bi cuid de dh'eòin-mhara Hiort maireannach

- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh cuid de na h-eòin-mhara a bhios a' briodadh air eileanan Hiort crìonadh chun na h-ìre nach bi iad maireannach tuilleadh taobh a-staigh 20 bliadhna, is iad a' strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha sin a rèir Urras Nàiseanta na h-Alba, a bhios a' coimhead às dèidh nan eilean, a tha ag ràdh gu bheil stoirmean nas trice agus samhraidhean nas fhliuche mar-thà a' cur ri lùghdachaidhean mòra sna h-eòin a bhios a' neadachadh orra.
Tha an rabhadh seo a' tighinn an dèidh do NadarAlba a ràdh gu bheil àireamhan eun-mara ann an Alba air tuiteam 50% sna ceithir deicheadan a dh'fhalbh.
Tha buidhnean glèidhteachais ag ràdh gu bheil freagairtean a dhìth aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta gus eòin-mhara a dhìon.

Dh'fhàg an fheadhainn mu dheireadh de mhuinntir Hiort an t-eilean ann an 1930
Tha mòran gan tarraing gu Hiort is iad airson làraichean fhaicinn ceangailte ri beatha nan daoine a bha a' fuireach an sin, mus do dh'fhàg an fheadhainn mu dheireadh ann an 1930.
Ach 's e fear dhe na rudan as motha a bheir buaidh air luchd-tadhail, an sealladh iongantach de mhìltean thar mhìltean de dh'eòin-mhara air na creagan a tha ag èirigh àrd às a' chuan.
Seallaidhean a th' annta a tha a' tarraing nam mìltean gach bliadhna, agus tha cho cudromach 's a tha na h-eileanan airson eòin-mhara air aon dhe na h-adhbharan a tha inbhe dhulachais na Cruinne aca bho UNESCO, taobh a-muigh.
Ach tha eòin-mhara Hiort ann an cunnart bho atharrachadh na gnàth-shìde, agus feadhainn a tha gan sgrùdadh gu cunbhalach ag ràdh gu bheil na buaidhean susbainteach, soilleir agus a' sìor thighinn am follais.

Tha cho cudromach 's a tha eileanan Hiort airson eòin air aon dhe na h-adhbharan a tha inbhe Dhualchais na Cruinne aca bho UNESCO
Bidh Ellie Owen, oifgear nan eun-mara aig Urras Nàiseanta na h-Alba, a' cur grunn sheachdainean seachad ann an Hiort gach bliadhna.
"Airson deicheadan tha daoine air a bhith a' bruidhinn mu atharrachadh na gnàth-shìde mar rudeigin a' tha a' tighinn, a tha air fàire," thuirt i.
"Chan eil e a' tighinn – tha e an seo mar thà, agus tha e air a bhith an seo airson 20 no 30 bliadhna.
"Chì sinn e anns an àireamh de dh'iseanan a tha a' fantainn beò air na creagan, anns an àireamh de dh'eòin a tha a' tilleadh agus a' briodadh gach bliadhna, anns na stoirmean a tha a' toirt buaidh air eòin-mhara sa gheamhradh, agus anns an àireamh de dh'eòin a tha gan lorg marbh air tràighean ann am pàirtean eile dhen t-saoghal."

Tha ruideagan am measg nan eun as motha a tha air crìonadh ann an Hiort bho 1999
Ri linn a' chuideim a tha air tighinn orra, tha àireamhan cuid de dh'èoin air crìonadh gu mòr thairis air 25 bliadhna.
Tha àireamhan fhulmairean sìos cha mhor 70% bho 1999, is iad air tuiteam bho cha mhòr 65,000 gu beagan is 20,000 air Hiort a-mhàin.
Tha lùghdachadh fiù 's nas motha ann an ruideagan, no kittiwakes, a tha air crìonadh 84%.
Uile gu lèir, tha àireamhan nan eun-mara air na h-eileanan air tuiteam 61% bho 1999, taobh a-muigh.
Tha Ellie ag ràdh gu bheil iomagain mhòr oirre mu na dh'fhaodadh thachairt a nis anns an 20 bliadhna ri thighinn.
"'S e an dragh as motha a th' orm gun crìon colonaidhean eòin-mhara Hiort aig an ìre a chunnacas san 20 bliadhna mu dheireadh, chun na h-ìre nach bi cuid de ghnèithean a tha a' briodadh an seo, agus a' fàgail an àite cho sònraichte, maireannach tuilleadh ann an Hiort.
"Tha atharrachadh na gnàth-shìde mar bhuaidh a tha a' putadh nan lùghdachaidhean seo gu mòr."

Tha puthaidean am measg nan eun anns a bheil lùghdachaidhean mòra air a bhith gan clàradh
Tha an cunnart anns a bheil eòin-mhara Hiort mar phàirt de sgeulachd nas motha, le crìonadh air a thighinn air àireamhan nan eun air feadh na dùthcha, agus air feadh an t-saoghail.
Dh'fhoillsich NàdarAlba na toraidhean às ùire, taobh a-muigh bho rannsachadh bliadhnail air eòin-mhara san Lùnastail. Fhuair sin gu bheil àireamhan air tuiteam 50% an Alba bho thòisich obair-clàraidh sna h-80an.
Ged nach urrainnear seo a cheangal gu tur ri atharrachadh na gnàth shìde, agus an leithid flù nan eun agus beathaichean nach buin do dh'àite cuideachd a' toirt buaidh, tha NàdarAlba ag ràdh g' eil iad an dùil gur e am prìomh rud a tha air cùl an lùghdachaidh.
Mar a tha Bex Outram, eòlaiche eun-mara na buidhne, a' mìneachadh, tha cuid de ghnèithean gu sònraichte ann an cunnart.
"Tha ochd gnèithean a tha air crìonadh gu mòr, mar sin còrr air 50% bho na 1980an," thuirt i
"Tha fàsgadairean mòra sìos 93%, steàrnagan beaga 75% agus stèarnagan 73%.
"Is iad sin an fheadhainn anns an robh an crìonadh a bu mhotha ann."

Tha fàsgadairean mòra sìos 93% bho na h-80an
Tha na buaidhean bho atharrachadh na gnàth-shìde a' tighinn am follais ann an diofar dhòighean ann an diofar sgìrean.
Anns na h-Eileanan an Iar, tha an RSPB ag ràdh gu bheil iad air na lùghdachaidhean as motha fhaicinn ann am puthaidean, fulmairean, agus steàrnagan-artaigeach.
Tha Shona NicIllFhialain bhon bhuidhinn ag ràdh gu bheil iad cuideachd a' faicinn atharrachadh ann am far a bheil eòin ri fhaicinn agus cuin.
"Eun dubh an sgadain, an guillemot, nuair a tha iad dìreach air sgaoileadh bho na neadaichean aca, tha iad a' nis a' tighinn gu tìr chionn 's tha stoirmean againn a' tighinn nas tràithe dhen bhliadhna," thuirt i.
"Tha sinn a' faicinn gu bheil sin a' toirt buaidh air na h-eòin òga a tha sin. Agus 's e sin an seòrsa rud a tha sinn a' faicinn nas trice a-nis - rud nach b' àbhaist dhuinn."

Tha na tha na h-eòin fhèin a' dèanamh ag atharrachadh cuideachd, a rèir Shona NicIllFhialain
Tha buaidh air seòrsaichean eun eile cuideachd, agus feadhainn a-nis a' fuireach fad na bliadhna.
"Caileachag bheag an earbaill, na long-tailed tits, tha iadsan a-nis a' briodadh anns a' Ghearradh-chruaidh, rud nach robh a' tachairt riamh chun an deich bliadhna a dh'fhalbh," thuirt Shona.
"'S e sin an seòrsa rud a tha sinn a' faicinn a-nis a thaobh mar a tha atharrachadh na gnàth-shìde a' bualadh air na h-eòin."
Chan e a-mhain mar a bhuaileas e air na h-eòin a tha mar adhbhar dhragh.
Bidh na mìltean a' siubhal gu ceann a tuath na h-Alba gach bliadhna gus eòin fhaicinn, is seo mar phàirt chudromach de ghnìomhachas turasachd na fiadh-bheatha, anns a bheil luach £127m sa bhliadhna.
Tha an t-Oll Richard Butler na eòlaiche air eaconomaidh na turasachd ann an Alba agus tha e air rannsachadh a dhèanamh, taobh a-muigh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig crìonadh ann an eòin ri linn atharrachadh na gnàth-shìde air coimhearsnachdan eileanach.
Tha e ag ràdh, ged nach e an cuibhreann as motha den airgead a thig bho thurasachd, g' eil e glè chudromach ann an cuid de sgìrean.
"Ann an coimhearsnachdan beaga tha daoine agus coimhearsnachdan mòran nas so-leònte, an coimeas ri bailtean mòra an leithid Obar Dheathain no Cill Rìmhinn," thuirt e.
"Uaireannan cha bhi ann ach beagan de chur-seachdadan ann airson luchd-turais, le a bhith a' coimhead air eòin mar aon dhiubh, agus mar sin dh'fhaodadh e cron a dhèanamh."

Tha eòin-mhara am measg na a tha a' tarraing nam mìltean gu Alba gach bliadhna gus fiadh-bheatha fhaicinn
'S e gnothach eadar-naiseanta a th' ann an atharrachadh na gnath-shide agus mar sin gu ìre mhòir tha fuasglaidhean a dhìth aig an ìre sin.
Ach tha Ellie Owen ag ràdh gu bheil pàirt chudromach aig gach duine ri chluich, gus goireas nàdarra a tha cho luachmhor do dh'Alba a dhìon.
"Tha tòrr a bharrachd a dh'fhaodadh a bhith air a dhèanamh gus taic a chur ri eòin-mhara," thuirt i.
"Feumaidh atharrachadh na gnàth-shìde a bhith na phrìomhachas acasan a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean agus a bhios a' cur phoileasaidhean ri chèile.
"Faodaidh gach duine ann an Alba cuideachadh le sin le bhith ag innse dhan luchd-poileataigs aca gu bheil iad ag iarraidh gum bi atharrachadh na gnàth-shìde na phrìomhachas, gus Alba agus ar n-eòin mhara a chumail cho sònraichte."