Ìlich "seachd searbh" de dhàil air an Loch Indaal

- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Ìle "seachd searbh" de mhaill leantainneach air lìbhrigeadh bàta-aiseig ùir an eilein, a rèir comhairliche.
Bha dùil gun deadh an MV Loch Indaal, a tha ga togail san Tuirc, a thoirt seachad do CMAL ro dheireadh na Dàmhair.
Ach chaidh sin a chur air ais a-rithist ri linn gainnead luchd-einnsinnìridh, agus am bàta mar thà 20 mìos air dheireadh.
Tha dùil a-niste gun tèid a toirt seachad meadhan na Samhna, a rèir CMAL, le deich là a dhìth an dèidh sin 'son an soitheach ullachadh mu choinneimh a turais a dh'Alba a bheir timcheall air cola-deug.
"'S e briseadh-dùil uabhasach a th' ann, agus 'son an fhìrinn innse tha sinne san eilean seachd searbh gu bheil seo air tachairt uair is uair," thuirt an Comh Alasdair Redman.
"Chan e gu bheil an geamhradh a' tighinn - 's ann a tha e oirnn mar thà, agus tha seo a' fàgail a' chlàr-ama nas cugallaiche buileach."
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Dàil air aiseagan ùra san Tuirc
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2024
Obair gus tòiseachadh air aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2023
Tha Mgr Redman ag ràdh gu bheil a' chùis a' toirt buaidh air gnìomhachasan mòra a tha stèidhichte ann an Ìle, a thuilleadh air seirbheisean meadaigeach nach fhaighear san eilean fhèin.
"Chan e dìreach eilean dùthchail a th' annainn - 's e eilean tionnsgalach a th' annainn, le luach mòr dha-rìribh anns na taighean-staile againn, agus gnìomhachas àiteachais mòr cuideachd, a thuilleadh air an iasgach agus a h-uile càil eile - tha seo barrachd is mì-ghoireasach.
"Agus cuideachd còmhdhail euslainteach - tha cho beag ga dhèanamh san eilean fhèin a-niste 's mòran sheirbheisean air an tarraing gu meadhan na h-Alba, 's gu bheil euslaintich gan cur a-null 's a-nall fad na h-ùine. Tha buaidh aig a' chùis air a h-uile càil."
MV Isle of Islay air seòladh
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt
MV Claymore ùr air bhog san Tuirc
- Air fhoillseachadh4 An Cèitean
'S e an MV Loch Indaal an dàrna soitheach de cheithir a tha gan togail aig gàrradh Cemre san Tuirc airson cabhlach ChalMac.
Dh'innis CMAL - a' bhuidheann a tha an urra ri bàtaichean ChalMac - anns an Ògmhios gun robh iad air a' phrìs iomlan - mu £200m - a phàigheadh dhan ghàrradh mar thà airson nan ceithir bàtaichean, a dh'aindeoin 's nach d' fhuair iad sealbh fhathast ach air aonan - an MV Isle of Islay.
Thuirt CMAL gun cuidicheadh sin an gàrradh le dùbhlain ionmhais, agus gun dearbhadh iad gur ann le CMAL a tha na bàtaichean gu laghail.
Bhon uair sin tha Riaghaltas na h-Alba air aontachadh £20m a bharrachd a phàigheadh mu choinneimh chosgaisean a bharrachd a thàinig air a' phròiseact.
A thuilleadh air an MV Loch Indaal, tha obair a' leantainn aig gàrradh Cemre air an MV Lochmor agus an MV Claymore, a thèid air slighean eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.
A' toirt fiosrachaidh do chomataidh na còmhdhail aig Holyrood, thuirt CMAL gun deach luchd-sgrùdaidh bho Bhuidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) a thadhal air an t-soitheach san Dàmhair, ach gun robh feum air corra rud a chur ceart mus b' urrainn dhaibh teisteanas a thoirt dhi.
"Tha dùbhlan air a bhith aig a' ghàrradh luchd-einnsinnìridh speisealta fhaighinn ... agus cuiridh sin air ais lìbhrigeadh seachad air deireadh na Dàmhair," thuirt an litir aca chun na comataidh.
"Ged is e briseadh-dùil a tha seo, chan eil smachd aig a' ghàrradh air."
Thuirt CMAL gun tilleadh an luchd-sgrùdaidh bhon MCA san t-seachdain a' tòiseachadh 9mh den t-Samhain.