MV Claymore ùr air bhog san Tuirc

Màiri Mhoireasdan le làmhag na làimh a' cur air bhog MV ClaymoreTùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri Mhoireasdan le làmhag na làimh a' cur air bhog MV Claymore

  • Air fhoillseachadh

Chaidh bàt-aiseig ùr airson nan slighean eadar Ùige, an Tairbeart is Loch nam Madadh a chur air bhog gu soirbheachail san Tuirc.

'S i seann mhanaisear puirt Loch nam Madadh, Màiri Mhoireasdan, a chuir an MV Claymore air bhog ann an cuirm aig Gàrradh Cemre.

'S i an Claymore an ceathramh bàta de chùmhnantan a thug CMAL dhan ghàrradh Thurcach.

Gabhaidh am bàta ùr 450 de luchd-siubhail agus 100 càr.

Thèid a-nis taobh a-staigh an t-soithich a sgeadachadh, mus dèanar deuchainnean mara san Tuirc air thoiseach air a cur a dh'Alba.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Màiri Mhoireasdan le làmhag na làimh a' cur air bhog MV Claymore,

Bha dùil bho thùs gum biodh an dàrna aiseag sa chùmhnant a fhuair Gàrradh MhicFhearghais ann an 2015 a' dol air slighe an triangle eadar an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath is na Hearadh.

Ach chaidh dàil mhòr air an aiseag sin - air an robh Slige 802 bho thùs is air a bheil a-nise an Glen Rosa.

Cha tàining a' chiad aiseag, an Glen Sannox, a-steach gu seirbheis gu 2025 is tha obair a' dol fhathast air an Glen Rosa.

Dh'fhàg na trioblaidean aig Gàrradh MhicFhearghais gun deach innse ann an 2022 gun rachadh dà aiseag ùr a thogail 'son a dhol eadar Ùige is Loch nam Madadh agus eadar Ùige is an Tairbeart.

Chaidh fàilte air seo an dà chuid ann an Uibhist a Tuath agus na Hearadh agus na coimhearsnachdan air a bhith a' roinn bàt'-aiseig o chionn fhada.

Bidh an Glen Rosa, nuair a tha i deiseil, a-nise a' frithealadh air Arainn còmhla ris an Glen Sannox.

Cha ghabh am post YouTube seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air YouTube
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Leum thairis air bhideo youtube le Caledonian Maritime Assets (CMAL)

Cead do stuth YouTube?

Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Deireadh bhideo youtube le Caledonian Maritime Assets (CMAL)

'S iad Gàrradh Cemre a fhuair an cùmhnant 'son bàtaichean ùra a' Chuain Sgìth, mar a fhuair roimhe 'son dà bhàta ùr do dh'Ìle.

Chaidh dàil cuideachd air bàtaichean na Tuirce ge-tà.

Bha dùil bho thùs gum biodh an Isle of Islay ann an làmhan CMAL san Dàmhair 2024 agus an MV Loch Indaal tràth ann an 2025.

Thuirt CMAL gur e gainnead luchd-obrach agus duilgheadasan le stuthan togail as coireach airson mar a tha dàil air a dhol air na bàtaichean.

Thàinig an Isle of Islay mu dheireadh thall a-steach gu seirbheis aig deireadh a' Mhàirt is tha dùil ris an Loch Indaal nas fhaide air a' bhliadhna.

Chaidh MV Lochmor a chur air bhog aig Gàrradh Cemre roimhe.

Tha dùil rithese aig an ìre seo ann an Alba ro dheireadh 2026 is ris an MV Claymore fhèin ann an 2027.