GMA ag amas air an ceòl a chur air feadh na fìdhle mu dheas

An Cupa Ceilteach
  • Air fhoillseachadh

Seachdain às dèidh cuairt-dheireannach mhòr a' chinn a tuath aig Pàirc a' Bhucht, bidh aire mhuinntir na h-iomain a' gluasad gu deas Disathairne agus gu duais eachdraidheil Comann Ceilteach Ghlaschu.

A' farpais air a son bidh dà chluba le dualchas beartach san fharpais: Camanachd an Òbain is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Eu-coltach ri tuath far a bheil Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich ri chèile aig àrd-ìre an-dràsta, tha iomain aig deas aig nàdar de chrois-rathad.

'S iad Camanachd an Òbain, gun teagamh sam bith, an sgioba as làidire san sgìre.

Rinn an t-Òban fìor mhath an-uiridh sa chiad sheusan aca fo stiùir Daniel Chamshroin - nas fheàrr na bha cha mhòr duine an dùil.

Bha iad san rèis airson tiotal na Prìomh Lìge cha mhòr chun nam buillean mu dheireadh; bha geama gu math teann aca an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh ged a chaill iad 1-0; is 's e an sgioba a bhuannaich Cupa na Camanachd - Baile Ùr an t-Slèibh - a chuir iad a-mach às an fharpais mhòir.

A thuilleadh air sin uile, bhuannaich iad Comann Ceilteach Ghlaschu a-rithist is iad a' leadraigeadh nan seann nàimhdean aca Caol Bhòid 6-1.

Daniel Mac a' Phiocair a' togail Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu airson Camanachd an Òbain
Fo-thiotal an deilbh,

Daniel Mac a' Phiocair a' togail Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu airson Camanachd an Òbain an-uiridh - an treas bliadhna ann an sreath

Gu mì-fhortanach do Chamanachd an Òbain, chan eil iad gu seo air togail air an adhartas sin am-bliadhna.

Bha an oidhirp aca air an tiotal gu ìre mhòir seachad nuair a chaill iad dà thuras ri Baile Ùr an t-Slèibhe sa chiad mhìos den t-seusan.

Ged a tha iad air adhartas a dhèanamh anns na cupannan bhon uairsin, bha là dorcha aca bho chionn cola-deug nuair a chaill iad 7-0 aig an taigh ri Ceann a' Ghiùthsaich.

Gu h-iongantach, thàinig na tadhail uile sa chiad leth.

Tha iad ga fhaicinn cianail fhèin cudromach a-nise grèim a chumail air a' Chupa Cheilteach Disathairne.

"Tha fios againn dè dh'fheumas sinn dèanamh gus a' bheàrn chun nan sgiobaidhean mòra a ghearradh, ach tha mi a' smaointinn gun dèanadh e feum mòr dha na balaich an làmhan fhaighinn air cupa," thuirt an leas-mhanaidsear, Iain 'Scally' MacMhaolain.

"Bheireadh e dhuinn spionnadh 'son feuchainn air na cupannan nàiseanta.

"Tha fiosam gun do chaill sinn 7-0 ri Ceann a' Ghiùthsaich - is nach eil sin a' coimhead ro mhath - ach tha sinn a' faireachdainn nach eil sinn ro fhada air falbh bho na sgiobaidhean mòra.

"Tha sinn gu math eòlach air Glaschu is tha e an-còmhnaidh doirbh nan aghaidh - feumaidh sinn cluich cho math agus 's urrainn dhuinn".

GMA an aghaidh Chinn Loch Seile
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal an-dràsta ag obair air sgioba ùr a thogail

'S e mar as trice anns na bliadhnaichean mu dheireadh Caol Bhòid a tha air seasamh eadar an t-Òban agus an Cupa Ceilteach.

Tha a' chruadalachd anns a bheil sgioba ainmeil Thaigh na Bruaich am-bliadhna na samhla, 's dòcha, air iomain sa cheann a deas, is laoich air seasamh air ais is gainnead de chluicheadairean òga aig an aon ìre a' tighinn troimhe.

Thàinig an oidhirp acasan sa Chupa Cheilteach gu ceann aig an Winterton nuair a rinn Inbhir Aora a' chùis orra 6-3.

Bha là pìos math nas miosa ri thighinn is an sgioba a' call 17-0 ri Ceann a' Ghiùthsaich aig an Dell.

Rud a dh'fhàg gun do thill Seumas Perlich mar mhanaidsear feuch smachd air choireigin fhaighinn air cùisean.

Dìreach suas an rathad tha Caol-Gleann air adhartas iongantach a dhèanamh is iad air am Prìomh Lìog a ruighinn 'son a' chiad uair.

Ged a tha an ìre ùr air a bhith dùbhlanach dhaibh, tha e follaiseach gu bheil sgioba Clachan Ghleann Da-Ruail ag ionnsachadh fad na h-ùine.

Bha gu lèor a' faireachdainn gur e fìor dheagh stòiridh eile a bhiodh ann nan ruigeadh iad cuairt dheireannach a' Chupa Cheiltich 'son a' chiad turas nan eachdraidh fhada.

Aonghas MacAonghais
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Aonghas MacAonghais ag ràdh gun dèanadh e feum mòr do GMA an cupa seo a bhuannachadh

Ach rinn Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal milleadh air an stòiridh ud - a' tilleadh air ais bho a bhith 2-0 air dheireadh sa Chlachan san iar-chuairt dheireannaich gus buannachadh 3-2.

Sin a dh'aindeoin is mar a tha GMA fhèin air a dhol air ais anns na bliadhnaichean mu dheireadh bho bhuannaich iad an Cupa Ceilteach ann an 2022.

Tha iad gu ìre mhòir a-mach às an rèis airson faighinn suas bhon Lìog Nàiseanta am-bliadhna is iad cuideachd air an cluicheadair as fheàrr a bh' aca, Calum McLay, a chall gu Ceann a' Ghiùthsaich.

Ach le sgioba ùr òg a' tighinn troimhe ann an Glaschu tha dòchas ann.

An urrainn dhaibh a-nise planaichean an Òbain a mhilleadh is an làmhan fhaighinn air a' Chupa Cheilteach, mar a rinn Calum McLay fhèin le Cupa MhicThàmhais an t-seachdain seo chaidh?

"Chan urrainn dhuinn faighinn air falbh bhon dùbhlan ach geamaichean an aghaidh an Òbain, tha iad an ìre mhath air a bhith faisg gu leòr," thuirt ceann-suidhe GMA, Aonghas MacAonghais.

"Tha na balaich misneachail. Tha cothrom aca - gu h-àraid an fheadhainn as òige san sgioba - a dhol a-mach is sealltainn dè na tàlantan a th' aca.

"Tha sinn air a bhith ag amas air cluicheadairean òga a tharraing dhan sguad is ma gheibh sinn faisg air ar làmhan a chur air a' chupa, bheireadh e spionnadh mòr - chan ann dìreach dhan chiad sgioba - bidh e a' dol sìos dhan a h-uile sgioba a th' againn."

Bheireadh geama math, teann spionnadh cuideachd, tha teans, gu iomain aig deas san fharsaingeachd, rud air an cuireadh gu leòr fàilte.

Cluinnear a' chuairt dheireannach Disathairne beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 3:30f.

Bidh e cuideachd beò air BBC ALBA bho 4f.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte