Cupa MhicThàmhais le Ceann a' Ghiùthsaich

Savio Genini air a dhòigh às dèidh dha Ceann a' Ghiùthsaich a chur air thoiseach
- Air fhoillseachadh
'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a bhuannaich Cupa MhicThàmhais is iad air an gnothach a dhèanamh 2-0 air na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh aig Pàirc a' Bhucht.
Thàinig an dà thadhal anns an 20 mionaid mu dheireadh ann an geama a bha glè fhaisg, fiosaigeach, agus aig amannan car nimheil.
Ach ged a bha e teann, bha barrachd den bhall aig Ceann a' Ghiùthsaich agus na cothroman a b' fheàrr cuideachd.
Bha dà shàbhaladh air leth aig Kenny Ros eadar na puist aig Baile Ùr an t-Slèibh - rud a dh'fhàg gun deach ainmeachadh air a' cheann thall mar shàr-chluicheadair an là - ach cha b' urrainn dha dad a dhèanamh mu rocaid bho astar bho Savio Genini le cairteal na h-uaireach air fhàgail gus Ceann a' Ghiùthsaich a chur 1-0 air thoiseach.
Thàinig an dàrna tadhal a rinn cinnteach air a' chupa do Cheann a' Ghiùthsaich le dìreach diogan air fhàgail- agus 's e oidhirp àlainn eile a bh' ann, an turas seo bhon sgiobair aca Ruairidh MacAnndrais.
2-0 dha Kings aig deireadh an fheasgair is iad air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh a-nise còig bliadhna ann an sreath.
Ceann a' Ghiùthsaich 2 Baile Ùr an t-Slèibh 0
An geama air fad à Pàirc a' Bhucht.
Bidh iad cuideachd air an dòigh a' chùis a dhèanamh air a' Bhaile Ùr às dèidh dhaibh an dà gheama mu dheireadh aca nan aghaidh a chall.
"Bha sinn airidh air is chluich sinn iomain air leth," thuirt manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich, Raghnal Ros, air BBC Radio nan Gàidheal às dèidh a' gheama.
"Bha fios againn gur e blàr a bhiodh ann ach bha tadhail shònraichte againn.
"Bha Baile Ùr an t-Slèibh fiosaigeach is tha cluicheadairean math aca, ach air a' cheann thall rinn an tàlant san sgioba againn an diofar".
'S e briseadh-dùil mòr a bh' ann do mhanaidsear Bhaile Ùr an t-Slèibh ach bha Peadar Ros a' faireachdainn gun robh glè bheag eadar na sgiobaidhean.
"Tadhal air leth bho Savio is feumaidh mi a mholadh is sin an diofar.
"Cha toir seo buaidh sam bith oirnn ge-tà is bidh sinn deiseil airson a' gheama an ath-sheachdain".
Agus 's e geama mòr eile a tha sin is na sgiobaidhean gus coinneachadh a-rithist ann an Cupa MhicAmhlaigh.
Eachdraidh do Chamanachd Leòdhais
A thuilleadh air a' chuairt dheireannaich aig a' Bhucht bha trì geamaichean ann an Cupa MhicAmhlaigh Disathairne.
Rinn na Sgitheanaich an gnothach 4-0 air Lòbhat agus 's e 3-0 a bh' ann do Chamanachd an Òbain an aghaidh Eilean Bhòid.
Chuir Obar Dhobhair crith tro Chaol Bhòid ann am Fìobha is sgioba Thaigh na Bruaich a' faighinn troimhe air èiginn 2-1.
Aig an dearbh àm rinn Camanachd Leòdhais eachdraidh is iad troimhe gu cuairt-dheireannach airson a' chiad turas a-riamh.
Rinn na Leòdhasaich a' chùis 3-1 air Loch Carrann ann an Druim na Drochaid ann an iar-chuairt dheireannach Cupa a' Chinn-chinnidh.
Thàinig na tadhail aca san dàrna leth bho Daniel Harrison, John Slaughter is Scott MacLeòid, às dèidh do Davie Camshron Loch Carrann a chur air thoiseach.
Bidh na Leòdhasaich a-nise an aghaidh Ghleann Garadh sa chuairt dheireannaich is iadsan air an gnothach a dhèanamh 5-3 air Oilthigh Obar Dheathain.
Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne an 18mh den Iuchar.