Gabh Ceum Air Ais na chiad cheum do cheòl Gàidhlig nu-metal

Limonead is Cailean Stone nan seasamh fo dhrochaid.Tùs an deilbh, Liam Gillespie
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-ciùil às a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad air eachdraidh a dhèanamh leis a' chiad òran nu-metal sa Ghàidhlig.

'S iad an còmhlan metalcore Gun Ghaol agus an seinneadair hip-hop Limonead a tha air cùl 'Gabh Ceum Air Ais'.

'S e stoidhle ciùil a th' ann an nu-metal a tha a' toirt ri chèile ceòl meatailt le nòsan eile, hip-hop nam measg.

Tha Limonead, no Sinead Swann, à Baile Dhubhthaich, air cliù a chosnadh anns na mìosan mu dheireadh is a' chiad òran aice, Nach Buidhe Dhut, air soirbheachadh gu mòr.

Bhuannaich i duais aig FilmG agus nochd i an uairsin aig Belladrum.

"Tha mi air a bhith a' leantainn Gun Ghaol 'son treis is mar sin nuair a dh'fhaighnich iad dhomh, cha b' e ruith ach leum a rinn mi," thuirt Sinead.

"Dh'fhàs mi suas le pàrantan a bha nam metalheads is mar sin 's e sàr chothrom a bha seo.

"'S e rud air leth sònraichte a th' ann a bhith a' dèanamh rudeigin gu tur ùr sa chànan."

Cha ghabh am post YouTube seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air YouTube
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Leum thairis air bhideo youtube le Gun Ghaol

Cead do stuth YouTube?

Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Deireadh bhideo youtube le Gun Ghaol

Thuirt Cailean Stone bho Ghun Ghaol gun tug an còmhlan Linkin Park is mar a bha iad a' measgachadh ceòl rap, sgrìobadh DJ is sgreuchail buaidh mhòr air nuair a bha a' fàs suas.

Tha e ag ràdh gur e sin a tha Gun Gaol is Limonead a' dèanamh leis an òran ùr aca.

"Tha nu-metal Gàidhlig ann a-nise is tha mi gu mòr airson is gum feuch luchd-ciùil Ceilteach eile rudan diofraichte," thuirt e.