Stoirm Boelo an dèidh Stoirm Austen gu bhith a' toirt buaidh air Alba air fad

Mapa de dh'Alba a' sealltainn sgìre òmar far am bi a' ghaoth as làidire an cois Stoirm Boelo
Fo-thiotal an deilbh,

Faodar gaoth cho làidir ir 80msu thighinn an cois Stoirm Boelo agus tha rabhadh òmar gu bhith ann airson 24 uairean de thìde

  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh òmar gu bhith an sàs airson a' mhòr-chuid de dh'Alba thairis air an deireadh-sheachdain agus dùil ri gaoth mhòr an cois Stoirm Boelo.

Tha i a' tighinn air sàilean Stoirm Austen, a' chiad stoirm ainmichte den t-seusan.

Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe mu uisge , taobh a-muigh agus tuiltean ann am meadhan agus air taobh sear na dùthcha bho 07:00m Dihaoine gu meadhan-oidhche.

Bidh rabhadh gaoithe buidhe a' tòiseachadh aig meadhan-là Disathairne airson tìr-mòr air fad agus na h-Eileanan an Iar, agus bidh rabhadh òmar an sàs bho 21:00 oidhche Shathairne gu 21:00 oidhche na Sàbaid.

Tha rabhadh ann cuideachd gum faodadh cuid an dealan a chall, agus gun toir an droch shìde buaidh air seirbheisean fòn-làimhe agus seirbheisean eile.

Dh'fhaodadh gun tèid milleadh a dhèanamh air togalaichean, agus gum bi stuth a dh'fhalbhas leis a' ghaoith na chunnart don phoball.

Mapa de dh' Alba far a bheil sgìre am meadhan na dùthcha air a comharrrachadh ann am buidhe agus dùil ri uisge mòr ann
Fo-thiotal an deilbh,

Tha rabhadh buidhe an sàs Dihaoine airson uisge mòr am meadhan na dùthcha

Tha dùil gun èirich a' ghaoth feasgar Disathairne, agus gun ruig i a h-àirde tron oidhche.

Dh'fhaodadh uspagan cho làidir ri eadar 50 agus 65msu a bhith ann, agus cho mòr ri 80msu ann an àitichean fosgailte agus sna h-Eileanan an Iar.

Bidh uisge agus gaoth mhòr air feadh Bhreatainn Disathairne, agus duil gun toir sin buaidh air draibhearan agus seirbheisean còmhdhail poblach.

Mapa de dh'Alba le sgìre mhòr bhuidhe air a comharrachadh agus rabhadh mun ghaoith mhòir a bhios ann
Fo-thiotal an deilbh,

Tha rabhadh buidhe mun ghaoith mhòir an cois Stoirm Boelo a' tòiseachadh aig meadhan-là Disathairne

Bidh casgan-astair an sàs air pàirtean de Phrìomh Loidhne a' Chosta an Iar agus Prìomh Loidhne a' Chosta an Ear, cho math ri slighean an ceann a deas agus air taobh sear na dùthcha.

Tha dùil gum bi casgan-astair gan cur an sàs ann an cuid de sgìrean nuair a ghluaiseas an dàrna stoirm tarsainn na dùthcha.

Thathar a' comhairleachadh do luchd-siubhail feuch a bheil seirbheisean a' ruith mus falbh iad.