Naidheachdan 10:00m
An Ucràin
Tha oifigearan am broinn Ministearalachd Dìon na h-Ucràin ag ràdh nach eil siostam dìon saideil Starshield ag obair mar a bu chòir fhathast - a dh'aindeoin 's gun tuirt Dòmhnall Trump gun robh e air ais aig làn-astair san dùthaich. Thuirt e gun robh Elon Musk air a chur air ais mar a bhà. Chaidh Mgr Musk às àicheadh an t-seachdain a chaidh gur esan a chuir maill air an t-siostam - maill a dh'fhàg an Ucràin le nas lugha dìon bho ionnsaighean Ruiseanach, a rèir Kyiv. Thòisich an trioblaid bho chionn beagan is seachdain, goirid an dèidh don Cheann-Suidhe Trump càineadh a dhèanamh air mar a tha na h-Ucràinianaich air a bhith ag amas air ionadan giollachd ola anns an Ruis.
Isreal
Chaidh co-dhiù còignear Israelach a leòn le luchd-gunna Pailistinianach faisg air Hebron air a' Bhruaich an Iar. Mharbh saighdearan Israelach dithis den luchd-gunna. Chuir Prìomhaire Israel Benjamin Netanyahu, às do thachartasan an lùib iomairt taghaidh a bha gu bhith ann an-diugh, ri linn na thachair.
Obair-phàipeir
Cha bhi aig luchd-gnothachais ri uiread de dh'obair-phàipeir a dhèanamh fo phlanaichean a dh'fhoillsich Roinn an Ionmhais. Thuirt an Riaghaltas gu bheil a bhith a' lìonadh foirmichean nach eil riatanach "a' tachdadh" chompanaidhean, 's gun sàbhail e cha mhòr £800m dhaibh a bhith ga sgur. Chuir Caidreachas Gnìomhachas Bhreatainn fàilte air an naidheahcd, ach thuirt iad gur e gnìomh a dhearbhas.
An Kilda
Tha an iomairt airson lorg fhaighinn air dithis iasgairean agus bàt'-iasgaich a tha a dhìth far chosta Leòdhais a' leantainn leis na Poilis a' dearbhadh gun do lorg iad nithean a bhuineadh dhan bhàta an-dè. Thuirt Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara gu bheil iad a-nis air an casg a thogail a bh' air soithichean agus dàibhearan ann an sgìre shònraichte far Phort Nis far a bheil fòcas na h-iomairt air a bhith.
Tubaist air an A9
Tha na poilis ag iarraidh fiosrachaidh on phoball an dèidh tubaist anns an robh aon charbad an sàs air an A9 air taobh sear Chataibh. Thachair e mu chòig uairean an-raoir aig Port Ghower, le càr Mazda CX-5 gorm. Thugadh boireannach aois 72, a bha a' siubhal sa chàr, dhan ospadal 's i air a droch ghoirteachadh. Thugadh dràibhear a' chàir, fireannach aois 71, agus boireannach aois 42 a bha a' siubhal ann, dhan ospadal cuideachd, ach cha robh iadsan air an droch ghoirteachadh. Bha an rathad dùinte, ach dh'fhosgail e a-rithist aig meadhan-oidhche.