Bàta speisealta gus sgrùdadh 'son dithis iasgairean agus am bàta far chosta Leòdhais

An NLV Pharos a' seòladh tron mhuir is le heileacoptar na shuidhe air an raon-laighe heileacoptair aice.Tùs an deilbh, Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath
  • Air fhoillseachadh

Thèid bàta speisealta a chleachdadh anns an iomairt gus lorg fhaighinn air dithis iasgairean agus am bàt'-iasgaich far chosta a tuath Leòdhais.

Tha iomairt air a bhith a' dol an dèidh mar a chailleadh an Kilda air an 13mh là den Dàmhair.

Cha do thill i gu port nuair a bha dùil ann am fìor dhroch aimsir.

Chaidh corp Douglas Craigie fhaighinn anns a' mhuir an ath-là, ach chan eil sgeul fhathast air dithis eile den chriutha, Tormod "Tam" Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, aois 23.

Thèid an NLV Pharos, a tha le Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath, a chur dhan sgìre bho Dhihaoine mar phàirt de sgrùdadh Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara.

"Tha uidheamachd haidhdrolaigeach agus uidheamachd suirbhidh long-brisidh air bòrd a' Pharos, agus cuidichidh sin le oidhirpean an MAIB agus iomairtean ionadail, le taic bho na Maoir-Chladaich feuch lorg fhaighinn air a' bhàt-iasgaich Kilda," thuirt Stiùiriche Iomairtean Bhòrd Thaighean-Solais a' Chinn a Tuath, Phil Day.

"Tha ar smuaintean le teaghlaichean a' chriutha agus leothasan air a bheil an tubaist thraidsigeach seo air buaidh a thoirt."

Thuirt na poilis gu bheil an iomairt aca a' leantainn gus lorg fhaighinn air an dithis fhear a tha a dhìth.

"Tha ar smuaintean leis a h-uile duine air a bheil an tubaist uabhasach seo a' toirt buaidh," thuirt a t-Insp Niall Mac an Tàilleir.

"Cumaidh sinn oirnn ag obair le compàirtichean, a' toirt a-steach Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich agus eòlaichean ionadail, agus tha sinn air leth taingeil airson ghoireasan ar compàirtichean a tha gan cur an sàs san iomairt seo."

Cunnart

Chuir na poilis ìmpidh air a' phoball gun sgrùdadh a dhèanamh iad fhèin air an sgìre.

"Dh'iarramaid air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart," thuirt iad.

"Na feuchaibh ri sgrùdadh a dhèanamh sibh fhèin ann an sgìrean far am faodadh sibh a bhith ann an cunnart."

Dh'iarr teaghlaichean a' chriutha gun toirear spèis dhan cuid prìobhaideachd.

Ma tha fiosrachadh aig duine faodar sin a thoirt dha na poilis air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 3575 den 13mh là den Dàmhair.