Sràid na h-Acadamaidh an Inbhir Nis air fosgladh às ùr an dèidh droch thubaist

- Air fhoillseachadh
Chaidh Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis fhosgladh às ùr an dèidh a bhith dùinte ri linn droch thubaist eadar neach-coise agus làraidh.
Thachair e faisg air Ceàrnag an Stèisein mu 09:50m Diardaoin.
Chaidh na poilis, ambaileans agus an t-seirbheis smàlaidh a ghairm chun na làraich.
Tha na poilis a-niste air bacadh a thoirt air falbh a bha air an t-sràid fhèin agus an raon-parcaidh air beulaibh doras Stèisean Inbhir Nis a dhùnadh dheth.
Chan eil an còrr fiosrachaidh ann aig an ìre seo.