Luchd-obrach caibin aig Loganair "air gabhail ri aonta pàighidh ùr"

Itealan Loganair air an raon-laighe aig Port-adhair Steòrnabhaigh
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis a' chompanaidh adhair Loganair gu bheil luchd-obrach caibin a tha gan riochdachadh leis an aonadh Unite air bhòtadh airson gabhail ri tairgse ùr pàighidh.

Seo an dèidh chòmhraidhean a bha ag amas air stailc a sheachnadh am measg còrr air 60 luchd-obrach caibin a tha stèidhichte aig puirt-adhair Obar Dheathain, Dhùn Dè, Dhùn Èideann, Ghlaschu, Inbhir Nis, Eilein Mhanainn agus Southampton.

Thuirt a' chompanaidh, a bhios a' ruith sheirbheisean air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, gu bheil an t-aonta a' toirt àrdachadh 8% ann am bun-phàigheadh do luchd-obrach, air a chur air ais chun a' Ghiblein am-bliadhna, le àrdachadh 8% eile bhon Ghiblean an ath-bhliadhna.

Sin a thuilleadh air gealltanasan eile a thaobh maith an luchd-obrach.

Thathas a' feitheamh beachd bho Unite.

Chaidh baileat stailce a chumail na bu thràithe den mhìos agus Unite ag ràdh gun do thabhainn a' chompanaidh tairgse dheireannach air an luchd-obrach gun còmhraidhean mun chùis fiù 's air tòiseachadh.

Dhiùlt an luchd-obrach an tairgse.

Thuirt an t-aonadh gu bheil tèarainteachd chosnaidh air fulang an dèidh co-dhùnadh na companaidh sgur de na slighean Òrdugh Seirbheis Phoblaich (PSO) a-mach à Dùn Dè san Lùnastal.

Rinn Loganair prothaid an dèidh chìsean de £31.6m thairis air a' cheithir bliadhna mu dheireadh.

Thuirt Loganair aig an àm gun do rinn iad tairgse nas fheàrr san t-Sultain, a bheireadh cinnt do luchd-obrach thairis air dà bhliadhna.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil cosgaisean connaidh air a dhol suas agus iarrtas bho luchd-siubhail air tuiteam, agus gu bheil sin a' cur cuideim orra.