Tòisichidh làn sheirbheis Loganair às ùr eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh

Thuirt Loganair gun stèidhicheadh iad na seirbheisan às ùr nam faigheadh iad maoineachadh
- Air fhoillseachadh
Thug Riaghaltas na h-Alba £1.06m do Phort-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) airson seirbheisean adhair Loganair a chaidh a ghearradh à Inbhir Nis gu Steòrnabhagh, Kirkwall agus Sumburgh ath-stèidheachadh.
Sguir Loganair de chuid de na seirbheisean eileanach san Iuchar an dèidh dhaibh rabhadh a thoirt nach robh gu leòr dhaoine gan cleachdadh.
Dh'fhàg sin nach robh seirbheis maidne ann tuilleadh a Steòrnabhagh, agus nach robh seirbheis a dh'Arcaibh agus Sealtainn ach air an deireadh-sheachdain.
Thuirt Loganair aig an àm gur ann rè ùine a bha iad a' dèanamh seo agus gun tilleadh iad na seirbheisean as t-fhoghar nam faigheadh iad maoineachadh.
Bidh na seirbheisean a chailleadh a' tòiseachadh às ùr air an 26mh den Dàmhair.
Loganair ag iarraidh tuilleadh taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba
- Air fhoillseachadh12 An t-Ògmhios
Gearraidhean ann an seirbheisean Loganair dha na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
Tha Comhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, buidhnean poblach eile agus companaidhean prìobhaideach am measg na thog dragh mun bhuaidh eaconomach a bhiodh aig na gearraidhean air an sgìre.
Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, gu bheil e toilichte gum bi na seirbheisean air ais ach gu h-àraid do dh'euslaintich a tha feumach air cùram an Ospadal an Rathaig Mhòr an Inbhir Nis.
Dh'iarr e gun dèanadh a' chompanaidh adhair barrachd airson 's gum bi misneachd aig luchd-siubhail gum mair an t-seirbheis.
"Feumaidh Loganair coimhead air na faraidhean eadar Inbhir Nis agus na h-eileanan agus ciamar as urrainn dhaibh barrachd dhaoine a thàladh a' cleachdadh nan seirbheisean sin."
Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil na seirbheisean eile aca às na h-eileanan gu tìr-mòr trang ach gu bheil àireamh luchd-siubhail air seirbheis Inbhir Nis air a dhol sìos.
"Feumaidh iad faighinn a-mach carson a tha sin air a bhith a' tachairt," thuirt e.
"Dragh mòr" air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar mu ghearraidhean Loganair
- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios
Dh'fhaodadh gearraidhean Loganair £1m a chosg dha NHS nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios
Dhearbh Rùnaire na h-Eaconomaidh, na Turasachd is na Còmhdhail Stephen Flynn gun tòisich na seirbheisean às ùr an dèidh "còmhraidhean coimeirsealta" eadar Loganair agus HIAL.
Thuirt e: "Bidh Còmhdhail na h-Alba a-nis ag obair còmhla ri HIAL agus buidhnean eile feuch ciamar a ghabhas dèanamh cinnteach gum bi seirbheisean adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean seasmhach dhaibhsan a tha an eiseimeil riutha."
Tha Luke Farajallah, Àrd-oifigear Loganair, ag ràdh gun tuig iad gu bheil "na slighean seo fìor chudromach do dhaoine a tha a' crochadh orra, agus cha do dhìochuimhnich sinn sin idir".
Thuirt e: "'S e companaidh phrìobhaideach a th' annainn, agus chan eil e an-còmhnaidh comasach dhuinn slighean air nach eil fèill mhòr a chumail a' dol leinn fhein.
"Cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri HIAL agus Còmhdhail Alba airson na seirbheisean seo a chur air bun-stèidh nas seasmhaiche."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
