Naidheachdan 11:00m

Zionachas

Tha co-cheannard Partaidh Uaine na h-Alba, Ross Greer, air beachd a nochdadh gu bheil Zionachas - neo zionism - co-ionnan ri gràin-chinnidh ann am prionnsabal. Bha e ga cheasnachadh air BBC Radio Scotland an-diugh às dèidh dhan Phàrtaidh Uaine ann an Sasainn gabhail ri sin mar phoileasaidh. Thuirt Mgr Greer gun robh zionachas a' ciallachadh rudan eadar-dhealaichte do dhaoine eadar-dhealaichte ge-tà. Tha am partaidh ann an Sasainn air thighinn fo chàineadh airson a' phoileasaidh aca, le cuid de bhuidhnean Iùdhach ag ràdh gur e ionnsaigh air a' choimhearsnachd aca a th' ann.

Cloimh-liath an dachaighean air mhàl

Tha uallach ùr air uachdarain ann an Alba bho an-diugh dèiligeadh ri trioblaidean an leithid dampachd no cloimh-liath anns an aithghearrachd ma thèid an leithid a thogail aca leothasan a tha le dachaigh air màl bhuapa. Bha an lagh ùr air a phiobrachadh le cùis balaich òig, Awaab Ishak, a chaochail le galar analach a bha air adhbharacadh le liathadh na dhachaigh ann an Sasainn.

Brittania Shield

Tha ceannard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, air innse dhan BhBC gum bi gu leòr ann airson siostam dìon urchairean a thogail dhan Rìoghachd Aonaichte ma thèid £10bn a chosg air thairis air deich bliadhna. Tha cuid air beachd innse gun cosgadh an leithid mòran nas motha. Tha na Tòraidhean air plana fhoillseachadh airson am Britannia Shield - rud a bheireadh dìon dhan duthaich, tha iad ag ràdh, bho urchairean, rocaidean agus drònaichean.

Bàs air bus Citylink

Chaidh fireannach aois 37 bliadhna a lorg marbh air bus Citylink ann am Port Rìgh a-raoir. Thuirt na poilis gun deach na seirbheisean èiginn a ghairm aig 8:50f a-raoir, agus nach robh càil amharasach mun chùis. Tha fios ga chur air teaghlach an duine. Thuirt a' chompabaidh Citylink gun robh iad fìor dhuilich mu mar a thachair.

Bàs an dèidh tubaist rathaid

Tha boireannach air bàsachadh anns an ospadal às dèidh tubaist far an do bhuail car innte ann an Siorrachd Àir. Bha Ranger Rover an sàs anns an tubaist le boireannach a bha ri coiseachd faisg air Cumnaig madainn Dihaoine a chaidh. Chaidh am boireannach ainmeachadh mar Jaqueline Young, a bha 66. Tha na poilis a' rannsachadh na cùise.

Ebola

Dhearbh Ceinia a' chiad chùis den bhìoras Ebola san dùthaich aca. Thuirt oifigich gun robh neach à Ceinia air bàsachadh san dùthaich às dèidh siubhal bhon DRC - Poblachd Dheamocratach a' Chongo - agus Uganda. Tha còrr air 4,000 duine air bàsachadh anns an sgaoileadh-sa de ghalar Ebola bho thòisich e sa Chèitean.