Baileat stailce aig Loganair

- Air fhoillseachadh
Thèid baileat stailce a chumail am measg luchd-obrach criutha chaibin aig a' chompanaidh adhair Loganair agus eas-aonta ann mu phàigheadh.
Thuirt an t-aonadh Unite gun do thabhainn a' chompanaidh tairgse deireannach air an luchd-obrach gun còmhraidhean mun chùis fiù 's air tòiseachadh.
Dhiùlt an luchd-obrach an tairgse.
Thèid am baileat a chumail am measg còrr air 60 de luchd-obrach a tha stèidhichte aig puirt-adhair Inbhir Nis, Obar Dheathain, Dùn Dè, Dùn Èideann, Glaschu, Eilean Mhanainn agus Southampton.
"Chan e a-mhàin gu bheil Loganair ann an suidheachadh fallain a thaobh ionmhais, ach thathas ag iarraidh barrachd is barrachd bho na sgiobannan caibin fhad 's a tha tèarainteachd an cuid cosnaidh nas laige," thuirt àrd-rùnaire Unite, Sharon Graham.
Thuirt an t-aonadh gu bheil tèarainteachd chosnaidh air fulang an dèidh co-dhùnadh na companaidh sgur de na slighean Òrdugh Seirbheis Phoblaich (PSO) a-mach à Dùn Dè san Lùnastal.
Rinn Loganair prothaid an dèidh chìsean de £31.6m thairis air a' cheithir bliadhna mu dheireadh.
Tòisichidh làn-sheirbheis Loganair às ùr eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh6 An Lùnastal
Loganair ag iarraidh tuilleadh taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba
- Air fhoillseachadh12 An t-Ògmhios
Gearraidhean ann an seirbheisean Loganair dha na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
Thuirt Loganair gur e briseadh-dùil a bh' anns a' cho-dhùnadh baileat a chumail, agus gu bheil iad air a bhith ag obrachadh còmhla ris an aonadh sna mìosan mu dheireadh.
"Anns an t-Sultain chuir sinn tairgse pàighidh nas fheàrr thuca, le cinnt thairis air dà bhliadhna, agus chuala sinn gun deach seo a dhiùltadh anns na meadhanan, seach a bhith ga chluinntinn gu dìreach bho Unite fhèin," thuirt a' chompanaidh ann am brath.
"Coltach ri companaidh adhair sam bith tha sinn ag obair ann an eaconomaidh gu math dùbhlanach, le cosgaisean connaidh air èirigh gu mòr, agus iarrtas bho luchd-siubhail air tuiteam.
"Tha sinn fhathast fo ghealltanas aonta a ruighinn tron phròiseas bharganaidh aithnichte, agus an dòchas gun till Unite chun a' bhùird."
Thuirt a' chompanaidh cuideachd nach robh dùil aca gun toireadh am baileat buaidh air na seirbheisean aca, 's gu bheil e na phrìomhachas dhaibh seirbheisean earbsach a chumail ri an luchd-cleachdaidh.
Fosglaidh am baileat Diardaoin an 8mh là den Dàmhair, 's bidh e fosgailte chun an 27mh là den Dàmhair.