Gearraidhean ann an seirbheisean Loganair dha na h-Eileanan

Itealan LoganairTùs an deilbh, Loganair
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Loganair gun tig lùghdachadh air na seirbheisean adhair aca eadar na h-Eileanan an Iar agus Arcaibh is Sealtainn agus tìr-mòr na h-Alba meadhan an Iuchair.

Thuirt a' chompanaidh, an dèidh dhaibh còmhraidhean a chumail le Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) gu bheil iad air tighinn chun a' cho-dhùnaidh seirbheisean air na slighean sin a lùghdachadh bho 19mh den Iuchar.

Tha seirbheis gach là ann an-dràsta eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh agus Inbhir Nis agus Sumburgh ann an Sealtainn, a bhios a stad ann an Kirkwall ann an Arcaibh.

Tha euslaintich a' cleachdadh na seirbheis eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis an ìre mhath tric airson siubhal gu ospadal an Ràthaig Mhòir airson leigheas.

Sgrìobh Loganair gu Còmhairle nan Eilean Siar Dihaoine a dh'innse dhaibh na bh' anns an amharc aca. Thuirt iad gu bheil iad air a bhith a' call airgid air na seirbheisean eileanach fad còig no sia bliadhna.

Tha Loganair air a bhith a' toirt rabhadh o chionn ùine nach robh gu leòr dhaoine a' cleachdadh nan seirbheisean.

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, a tha cuideachd air bòrd HITRANS, gun robh Loganair ag iarraidh òrdugh PSO airson nan seirbheisean leis gu bheil taic a bharrachd a dhìth orra.

Thuirt Mgr Robasdan gun robh HITRANS air sgrìobhadh gu Loganair, HIAL agus Còmhdhail Alba mun t-suidheachadh agus thèid coinneamh a chumail Diardaoin.

Thuirt neach-labhairt Loganair gun robh iad mothachail air cho cudromach 's a tha na seirbheisean dha na coimhearsnachdan anns a bheil iad.

Thuirt iad nach b' urrainn dhaibh an aona àireamh de sheirbheisean a ruith gun buaidh a bhith aig an sin air a' chompanaidh anns an fharsaingeachd.

Thuirt HIAL gun do thabhainn iad taic airson seasmhachd nan seirbheisean a dhìon ach mar bhuidheann phoblach, gum feumadh an ìre de thaic a bhith reusanta agus cuideam gu math mòr air sporran na roinne poblaich.

Thuirt Loganair gu bheil fòcas aca a-nis air ceangalaichean riatanach a dhìon agus a bhith cinnteach gu bheil fiosrachadh soilleir air clàr-ama ùr aig an luchd-cleachdaidh.

"Tha dealas againn fhathast ri sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus tha sinn deiseil còmhraidhean eile a chumail le HIAL, Còmhdhail Alba agus com-pàirteachasan eile. Ma nochdas taic iomchaidh, cuiridh sinn fàilte air a' chothrom làn chlàr-ama a' gheamhraidh a thilleadh," thuirt neach-labhairt.