An t-Eilean Sgitheanach is Ratharsair gus Inbhe Sgìre Cànain Shònraichte fhaighinn

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd gus an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.
Tha an t-ùghdarras ionadail air dearbhadh gu bheil iad ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad sgìre taobh a-staigh na roinne aca a chomharrachadh mar sgìre shònraichte airson na Gàidhlig.
Thuirt a' chomhairle gu bheil iad a-nis ag amas air Oifigear Coimhearsnachd fhastadh airson na molaidhean a thoirt air adhart.
Bhiodh an neach seo ag obair còmhla ris coimhearsnachdan anns an dà eilean gus taic a thoirt do mhuinntir an àite, buidhnean agus compàirtichean gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh.
Chaidh inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chruthachadh mar phàirt de Bhile nan Cànanan Albannach, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh agus a fhuair Aonta Rìoghail airson a dhol na achd san Iuchar.
Sgìre Cànain Shònraichte don Ghàidhealtachd air fad "maslach"
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean
Co-chomhairle gu bhith ann mu inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
Bha luchd-iomairt aig tuath air a dhol air an casan nuair a dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd molaidean roimhe gus an sgìre air fad a chomharrachadh mar Sgìre Canain Shònraichte.
Thuirt a' bhuidheann iomairt Misneachd gun robh am plana sin "maslach" agus "a' dèanamh cùis-mhagaidh de dh'amasan an reachdais".
Rinn an t-ùghdarras ionadail dìon orra fhèin aig an àm is iad ag ràdh gum biodh "sùbailteachd" ann le inbhe Sgìre Cànain Shònraichte "làn-ùghdarrais" a leigeadh leotha taic a thoirt seachad a rèir fheumalachdan diofar cheàrnaidhean.
Ann an agallamh le BBC Naidheachdan nas tràithe air a' mhìos seo bha Rùnaire na Gàidhlig, Màiri NicAilein, air rabhadh a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir an cuid mholaidhean 'son Sgìre Cànain Shònraichte a dhèanamh nas mionaidiche, is cunnart gur e "cothrom caillte" bhiodh ann nan rachadh an inbhe a bhuileachadh air an sgìre air fad.
Mhol Ms NicAilein aig an dearbh àm na planaichean a dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar, is iadsan air leigeil fhaicinn gu bheil iad an dùil an sgìre gu lèir a chomharrachadh ach le planaichean leasachaidh fa leth aig coimhearsnachdan no "àrainnean" air feadh na sgìre.
Sgìre Cànain Shònraichte nan Eilean Siar: "Àbhaisteachadh bruidhinn na Gàidhlig"
- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair
Sgìrean Cànain Sònraichte an Earra-Ghàidheal gam moladh far a bheil a' Ghàidhlig as làidire
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal
Thuirt Drew Mac a' Mhuilleir, cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, gu bheil fòcas aca sa chiad dol a-mach air an Eilean Sgitheanach is Ratharsair, ach gu bheil an inbhe mar dhòigh air a' chànan a neartachadh air feadh sgìre an ùghdarrais.
"Tha cuid de na coimhearsnachdan Gàidhlig as làidire sa Ghàidhealtachd rin lorg san Eilean Sgitheanach agus Ratharsair. Mar sin tha e iomchaidh gur e seo a' chiad sgìre air a bheilear a' beachdachadh airson ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte fon reachdas ùr," thuirt e.
"Ged a tha sinn an toiseach ag amas air na dleastanasan reachdail againn a choileanadh san Eilean Sgitheanach agus Ratharsair, tha seo na phàirt de mhiann nas fharsainge a' Ghàidhlig a neartachadh is a bhrosnachadh air feadh na Gàidhealtachd, ag aithneachadh gu bheil an cànan a' cur tabhartas cultarach, sòisealta is eaconamach ris na coimhearsnachdan againn," thuirt e.
"Mì-thuigse"
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan Dimàirt, chaidh an Comh Mac a' Mhuilleir às àicheadh gun robh Comhairle na Gàidhealtachd riamh an dùil an sgìre gu lèir a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.
Tha sin a dh'aindeoin is gun do chuir Comataidh na Gàidhlig taic san Ògmhios ri aithisg, taobh a-muigh a bha a' moladh "ainmeachadh làn-ùghdarrais, le taic bho fhrèam-obrach a tha stèidhichte air àiteachan, a' toirt seachad na dòigh as co-rèiriche agus as èifeachdaiche gus SCS a bhuileachadh sa Ghàidhealtachd".
Thuirt an Comh Mac a' Mhuilleir cuideachd gu bheil pàirtean den sgìre nach fhaigh an inbhe idir.
"Ma tha mì-thuigse air a bhith ann, tha mi deònach leisgeul a thabhann, ach bha e follaiseach dhomhsa bho thùs nach e sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir mar aon Sgìre Cànain Shònraichte a bhiodh ann.
"Bha sin am measg nam molaidhean ach bha e follaiseach dhomhsa is tha mi cinnteach gun tuirt mi air an là gun robh mi toilichte co-chomhairle a dhèanamh mun sgìre gu lèir, ach nach robh sin a' ciallachadh gum biodh an sgìre gu lèir na Sgìre Cànain Shònraichte.
"Tha e soilleir gu bheil pìosan dheth nach bi a-chaoidh nan Sgìrean Cànain Sònraichte," thuirt e.
"Barrachd èisteachd ann is barrachd co-obrachaidh leis na coimhearsnachdan"
Bha Comann nam Pàrant Phort Rìgh am measg na bha ag iomairt 'son An t-Eilean Sgitheanach is Ratharsair a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.
"Tha e coltach gu bheil iad air tighinn fada nas fhaisge air an iarrtas a bh' againn," thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bhon bhuidhinn.
"Bha sinn riamh a' canail riutha gur ann air an Eilean Sgitheanach is Ratharsair a b' fheudar dhaibh coimhead an toiseach, sin an aon uard comhairle air Comhairle na Gàidhealtachd far a bheil còrr is 20% den t-sluagh aig a bheil sgilean Gàidhlig."
Thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh gu bheil e an dòchas gum bi "barrachd èisteachd ann is barrachd co-obrachaidh leis na coimhearsnachdan" bho seo a-mach.
Fo na dleastanasan a chuir an t-achd air Comhairle na Gàidhealtachd, feumaidh sgìre sam bith far a bheil 20% no nas àirde den t-sluagh aig a bheil sgilean anns a' chànan a bhith air a measadh airson na h-inbhe seo taobh a-staigh bliadhna bho thoiseach na Sultain 2026.
Mar sin, feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd crìoch a chur air a' phròiseas airson an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a mheasadh ron chiad là den t-Sultain 2027.