Sgìre Cànain Shònraichte nan Eilean Siar: "Àbhaisteachadh bruidhinn na Gàidhlig"

Soidhne-rathaid geal air a bheil sgrìobhte ann an litrichean dubha Fàilte do dh'Eilean Leodhais, Welcome to the Isle of LewisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gum bi oifigear leasachaidh na Gàidhlig aig suas ri naoi coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar taobh a-staigh na Sgìre Cànain Shònraichte (SCS) a tha an t-ùghdarras ionadail a' moladh.

Feumaidh gach comhairle an Alba Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh mar phàirt de reachdas Achd nan Cànanan Albannach.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh gum bi an t-inbhe aig an sgìre air fad ach gum bi "àrainnean" ann cuideachd far am bi prìomhachas air a bhith "ag àbhaisteachadh agus a' leudachadh bruidhinn na Gàidhlig".

Tha Oifigear Gàidhlig Coimhearsnachd na comhairle, Aonghas MacIllInnein, ag ràdh gu bheil iad "airson 's gum bi co-ionannachd eadar Nis agus Ceann Bharraigh san dòigh 's a bheil taic ga toirt seachad".

Tha connspaid ann mu phlana Comhairle na Gàidhealtachd gum bi inbhe SCS aig an sgìre air fad, agus cuid ag iarraidh gum bi prìomhachas aig na h-àitichean far a bheil a' Ghàidhlig as làidire.

Tha Mgr MacIllinnein ag ràdh nach biodh sin cothromach sna h-Eileanan an Iar leis gu bheil barrachd na 20% den t-sluagh sa h-uile sgìre aig a bheil comasan Gàidhlig, fear de na slatan-tomhais a bh' anns a' Bhile.

"Chan eil sinn a' feuchainn ach ri structar gu math sìmplidh ach èifeachdach far am bi co-obrachadh a' dol eadar bhuidhnean," thuirt e.

Tha iad a' tomhas aig an ìre seo gum faodadh gum bi naoi àrainnean ann agus gun tèid an stèidheachadh cho luath 's a ghabhas.

Gheibh gach tè an aon shuim airgid airson plana goirid a dheasachadh ro dheireadh na bliadhna-ionmhais. a mhìneachadh mar as fheàrr a ghabhas a' Ghàidhlig a neartachadh gu h-ionadail.

Tha planaichean mar-tha aig dà sgìre - Àrainn Uibhist is Àrainn Iar-Thuath Leòdhais - mar phàirt de phròiseact pìleat air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig thairis air an dà bhliadhna a dh'fhalbh.

Thuirt Mgr MacIllInnein: "Tha sinn a' coimhead sna h-àrainnean a bheil oifigearan ann mar-tha aig a bheil an comas agus deòin barrachd uallaich a ghabhail airson a bhith a' co-òrdanachadh na tha a' dol a thaobh leasachadh na Gàidhlig san sgìre.

"Bidh an cumhachd aig na coimhearsnachdan cuideigin a chomarrachadh agus buidheann aig a bheil bun-reachd agus cunntas-banca agus thèid an t-airgead a thig airson Sgìrean Cànain Sònraichte a roinn gu cunbhalach tro na h-Eileanan an Iar."

Tha a' chomhairle air £315,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson seo a chur an gnìomh.

Tha iad a' cumail sreath choinneamhan an-dràsta a' sireadh bheachdan a' phobaill mu na tha iad a' moladh.