Rathad ùr Phort Rìgh air fosgladh gu h-oifigeil

Bha riochdairean ionadail am measg na chruinnich airson an rathad ùr fhosgladh gu h-oifigeil
- Air fhoillseachadh
Tha rathad ùr a chaidh a thogail leis an amas trafaig a thoirt a-mach à meadhan Phort Rìgh air fosgladh gu h-oifigeil.
Tha an rathad ùr, gu tuath air a' bhaile, a' ceangal eadar Rathad Dhùn Bheagain, an A87, is Rathad Stafainn, an A855.
Chaidh a' mhòr-chuid den cheangal a stèidheachadh roimhe mar phàirt de leasachaidhean taigheadais is tha e air a bhith na amas aig Comhairle na Gàidhealtachd 'son grunn bhliadhnaichean an rathad a chrìochnachadh is an ceangal a dhèanamh eadar an A87 is A855.

Fo-thiotal an deilbh, Tha an rathad ùr a' ceangal an A87 is an A855
1 de 4
Dh'aontaich comhairlichean ann an 2021 am pìos mu dheireadh a dhèanamh le dùil aig an àm gum biodh e deiseil ro dheireadh 2022 ach chaidh dàil air cùisean.
Tha dùil leis an rathad a-nise deiseil gun tèid trafaig ann am meadhan Phort Rìgh a lùghdachadh.
Bidh an rathad cuideachd na mheadhan air talamh fhosgladh suas 'son leasachaidhean taigheadais eile, cho math ri goireasan mar 'bhaile cùraim' is bùthan.
Dòchas gun tòisich obair air ceangal-rathaid Phort Rìgh sa Chèitean
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2024
Seach rathad Phort Rìgh ceum nas fhaisge
- Air fhoillseachadh31 An Lùnastal 2021
Beachdan Sgitheanach gan trusadh mu àitichean-fuirich SSEN am Port Rìgh
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Tha Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gun cosg pròiseact an rathaid mu £2.5m air a' cheann thall.
Tha dùil aca cuibhreann den airgead sin fhaighinn air ais bho luchd-leasachaidh mar a tha pròiseactan togail an cois an rathaid a' dol air adhart anns na bliadhnaichean ri thighinn.
Ged a dh'fhosgail an rathad ùr bho chionn seachdain, 's ann Dihaoine a bha am fosgladh oifigeil ann.


