Moladh 'son Sgìrean Cànain Sònraichte an Earra-Ghàidheal far a bheil a' Ghàidhlig as làidire

Seann chaisteal cloiche, le tùr, agus pòla brataich, air eilean beaga ann an loch-mhara. Tha eilean nas motha le craobhan air am meadhan an deilbh agus beanntann air cùl sin fada às. Chithear faileas dhen chaisteal agus na sgòthan san uisge. Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh muinntir na h-Apainn agus Lios Mòr am measg na thèid faighneachd mu phlana nan Sgìrean Cànain Sònraichte

  • Air fhoillseachadh

Thèid co-chomhairle a dhèanamh an Earra-Ghàidheal is Bòd mu phlana Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh far a bheil co-dhiù 20% den t-sluagh le sgilean sa Ghàidhlig no far a bheil FtMG air a thabhann.

Tha dleastanas ùr air ùghdarrasan ionadail fo Achd nan Cànanan Albannach 2025 coimhead air an gabh sgìrean a chomharrachadh far a bheil a' Ghàidhlig fhathast làidir no far an robh i uair na cànan coimhearsnachd.

Tha an reachdas air deasbad is connspaid adhbharachadh. Thathar a' moladh gun tèid na h-Eileanan an Iar air fad a chomharachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.

Ge-tà, tha plana gum bi an inbhe aig sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir air fearg a chur air luchd-iomairt a' chànain.

Aig coinneimh Diaordaoin, dh'aontaich buill Comataidh an Stòrais is Poileasaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun tèid beachdan dhaoine an Ìle, Colbhasa, Tiriodh, Muile, Lios Mòr, An t-Òban, An Appain agus Dùn Omhain a shireadh.

Thuirt an Comhairliche Luna Mhàrtainn aig a bheil uallach airson na Gàidhlig: "Tha sinn mòiteil às gu bheil sinn a' cur air adhart plana fom bi na coimhearsnachdan a' dealbhachadh mholaidhean."

Thuirt a' chomataidh gu bheil soillearachadh a dhìth bho Riaghaltas na h-Alba mu mar a dh'obraicheadh Sgìrean Cànain Sònraichte.

"Feumaidh sinn fiosrachadh nas mionaidiche mu na dleasdanasan a dh'fhaodadh a bhith an cois Sgìrean Cànain Sònraichte, agus tha sinn a' coimhead air adhart ri barrachd conaltraidh mun sin," thuirt an Comh Mhàrtainn.

Bidh a' chomataidh a' beachdachadh air aithisg eile san Dàmhair a bhios a' mìneachadh mar a thèid an co-chomhairleachadh poblach a dhèanamh.