Loganair a' coimhead air an t-seirbheis eadar Inbhir Ùige is Obair Dheathain

Thuirt Loganair gun robh iad "a' coimhead air na figearan" an cois a bhith a' ruith sheirbheisean eadar Inbhir Ùige agus Obair Dheathain
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh adhair Loganair ag ràdh gu bheil iad a' beachdachadh air an t-seirbheis eadar Inbhir Ùige agus Obair Dheathain, a tha a' faighinn subsadaidh riaghaltais, a ghabhail thairis.
'S e Eastern Airways a bha a' ruith na seirbheise ach chaidh a' chompanaidh ann an rianachd an t-seachdain a chaidh agus chaill a' chuid as motha den 330 luchd-obrach an cosnaidhean.
'S e slighe PSO a th' ann eadar Inbhir Ùige is Obair Dheathain a bhios a' faighinn taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha Simon McNamara, ceannard riaghlaidh is ghnothaichean corporra le Loganair, ag ràdh gun robh iad a' coimhead air na cosgaisean an cois a bhith a' ruith na seirbheise.
Thuirt Mgr McNamara gun robh aig companaidhean ris na cosgaisean aca fhaighinn air ais fiù 's air slighean PSO.
Thuirt e: "Tha sinn a' coimhead air na figearan agus ma dh'obraicheas e thèid sinn air adhart, ach dìreach ma tha argamaid choimeirsealta ann air a shon.
"Mar sin, aig an ìre seo chan urrainn dhomh dearbhadh taobh seach taobh, ach tha sinn a' coimhead ris."
Oidhirp seirbheisean adhair Inbhir Ùige a ghlèidheadh 's Eastern Airways an rianachd
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Comhairle na Gàidhealtachd a' lorg companaidh eile 'son sgèith à Inbhir Ùige
- Air fhoillseachadh31 An Dàmhair 2025
Chaidh an t-seirbheis eadar Inbhir Ùige agus Obair Dheathain ath-stèidheachadh ann an 2022 an dèidh mar a chaidh a tarraing aig àm Chovid.
Air a' mhìos a chaidh, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh an naidheachd mun staing ionmhais aig Eastern Airways "na fhìor bhriseadh-dùil".
"Tha port-adhair Inbhir Ùige a' toirt seachad seirbheis riatanaich do choimhearsnachdan, a' lùghdachadh neo-ionannachd a thaobh gnìomhachais, seirbheisean slàinte is foghlaim," thuirt iad.
Thuirt neach-labhairt gun do chuir an t-ùghdarras ionadail tagradh gnothachais gu Riaghaltas na h-Alba agus Còmhdhail Alba.
"Tha e a' dèanamh argamaid airson agus gun cùm seirbheisean adhair PSO a dh'Inbhir Ùige a' dol ach cuideachd airson mar a ghabhas seirbheisean a leasachadh," thuirt an neach-labhairt.
Na bu tràithe am-bliadhna, thug Riaghaltas na h-Alba subsadaidh £1m seachad airson nan seirbheisean eadar Inbhir Ùige agus Obair Dheathain, le Comhairle na Gàidhealtachd a' cur £300,000 ris.