Faraidhean Loganair a' dol suas air sgàth àrdachadh ann am prìs connaidh

Plèana Loganair air itealTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Loganair ag ràdh gun tàinig àrdachadh co-dhiù 80% air cosgaisean connaidh

  • Air fhoillseachadh

Tha Loganair ag ràdh gun tàinig àrdachadh 80% air na tha connadh a' cosg dhaibh air sgàth na còmhstri san Ear Mheadhanach agus gur ann air luchd-siubhail a tha na cosgaisean sin a' tuiteam.

Tha a' chompanaidh - a tha a' ruith sheirbheisean do mhòran eileanan agus sgìrean dùthchail an Alba - ag ràdh gu bheil an suidheachadh èiginneach a' fàgail gu bheil prìsean na margaidh ag atharrachadh gu mòr gach là.

Tha iad ag ràdh gu bheil e a' coimhead nas coltaiche gum bi gu leòr de chonnadh ann ach gum feum iad faraidhean a chur an-àirde.

Tha Ronnie MacMhathain, Àrd-oifigear Coimeirsealta Loganair, ag ràdh gu bheil "prìs connadh nam plèanaichean, coltach ri peatral aig na pumpaichean, air a dhol suas gu mòr".

"Tha sinn a' tomhas gu bheil àrdachaidhean de mu 80% neo 90% ann an connadh Jet A-1 on thòisich an èiginn.

"Tha sin air buaidh a thoirt air prìsean don luchd-siubhail agus thig for-chosgais orra stèidhichte air an fhiosrachadh as fheàrr a th' ann dhuinn aig an ìre seo a nì cinnteach gun gabh pàigheadh airson na tha a' cosg dhuinn," mhìnich e.