Moroco a' seasamh a-rithist eadar Alba is eachdraidh aig Cupa na Cruinne

Alasdair MacIllinnein is Calum Dòmhnallach aig an stèideam ann am Boston
Fo-thiotal an deilbh,

Sgioba BBC Spòrs aig Cupa na Cruine - Alasdair MacIllinnein is Calum Dòmhnallach - is iad gu bhith ag aithris à Boston a-rithist oidhche Haoine

LeDòmhnall Pollock
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

28 bliadhna bho chuir Moroco às do dhòchas na h-Alba aig Cupa na Cruinne anns an Fhraing, tha an dùthaich à Afraga a Tuath a' seasamh san rathad oirnn a-rithist air an àrd-ùrlar as motha a th' ann.

Air ais ann an 1998 bha gu leòr a' faireachdainn ron gheama - ceart no ceàrr - gun robh còir aig Alba a' chùis a dhèanamh air Moroco.

Sheall Moroco ann an Saint-Étienne cho ceàrr 's a bha sin is iad a' buannachadh gu cofhurtail 3-0 an aghaidh sgioba Craig Brown.

Tha gu leòr air atharrachadh bho 1998 agus a' dol a-steach dhan gheama ann am Boston a-nochd tha daoine a-nise gu math mothachail air cho math 's a tha iad.

Chan ann a-mhàin gu bheil Moroco air am meas mar an t-siathamh sgioba as fheàrr san t-saoghal, ràinig iad an iar-chuairt dheireannach aig Cupa na Cruinne ann an 2022.

Mura h-eil cuimhne agaibh, tha Alba fhathast gun faighinn a-mach às a' bhuidhinn aca aig Cupa na Cruinne a' dol air ais gu 1954.

Agus fhad 's a bha Alba a' faighinn seachad air Haiti air èiginn 1-0 ann an uairean beaga na maidne Didòmhnaich ('son trì puingean luachmhor a thogail), bha na Moroconaich dìreach air geama gu math doirbh a thoirt do Bhrasil is iad a' crìochnachadh 1-1.

Ag aithris air a' gheama 'son BBC Spòrs ann am Boston oidhche Haoine bidh Alasdair MacIllinnein is Calum Dòmhnallach.

Tha Alasdair an dùil ri atharraichean ann an sgioba Steve Clarke agus gum falbh an 4-4-2 a chunnaic sinn anns na geamaichean càirdeil mu dheireadh agus an aghaidh Haiti.

"Tha mi an amharas 's dòcha gun gluais sinn gu eadar triùir no 's dòcha còignear aig a' chùl, no gum faic sinn gur e còignear a bhios ann am meadhan na pàirce ann an cruth 4-2-3-1, is dìreach an aon duine a bhios aig aghaidh na pàirce.

"Cha chuireadh e iongadh orm ged a 's e a Ché Adams a bhiodh an sin.

"Tha fios againn gu bheil Steve Clarke gu math measail air Adams is gu bheil e a' smaoineachadh gur e an duine as fheàrr a bhith leis fhèin aig aghaidh na pàirce.

"'S e an t-amas a bhios aca 's e feuchainn a bhith dìonach, feuchainn ri obrachadh cruaidh às aonais a' bhuill.

"'S e an seòrsa geama a bhiodh tu an dùil nach biodh na h-uimhir sin den bhall aig Alba is chunnaic sinn an aghaidh Brasail cho cunnartach 's a dh'fhaodadh Moroco a bhith."

Fo-thiotal,

'Tadhal cho prìseil do dh'Alba'

Ged nach do chluich Alba 's dòcha cho math sin an aghaidh Haiti, bha fàilte mhòr air na trì puingean.

Agus leis nach robh sinn air geama a bhuannachadh aig Cupa na Cruinne bho 1990, 's dòcha nach bu chòir dragh sam bith a bhith oirnn mu cho brèagha 's a bha am ball-coise fhèin.

Tha e a' fàgail gum bu chòir do dh'aona phuing eile - an aghaidh Moroco air neo Brasil, a bhith gu leòr 'son Alba a chur troimhe.

Tha Alasdair ag ràdh gu bheil misneachd gu leòr sa champa - is e a' togail cuideachd air sgiobaidhean leithid na Spàinn nach d' fhuair ach puing sa chiad gheama acasan.

"Tha an sguad loma làn misneachd gun urrainn dhaibh rudeigin a dhèanamh an aghaidh Moroco.

"Chan eil an t-uallach orra na trì puingean a thogail mar a bha an t-seachdain seo chaidh.

"Tha beagan a bharrachd saorsachd an sin."

Agus mar fhear a bha ag aithris air a h-uile breab tro iomairt shoirbheachail na h-Alba gus tilleadh gu Cupa na Cruinne, a bheil Alasdair a' smaointinn gun urrainn dhan sgioba rudeigin fhaighinn a-nochd gus ceum eachdraidheil a ghabhail chun na dàrna cuairt?

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil deagh chothrom ann gun crìochnaich an geama co-ionnan is gach sgioba a' faighinn co-dhiù aona thadhal.

"Nam biodh aon sgioba a' dol ga bhuannachadh, cha mhòr nach canadh tu gur iad Moroco as coltaiche.

"Ach ma tha sgioba Albannach sam bith a' dol a dhèanamh a' chùis air Moroco - sgioba làidir Moroco - aig Cupa na Cruinne, seo an sgioba Albannach a bu chòir a dhèanamh."

Dìoghaltas 'son 1998 ma-tha? Gheibh sinn a-mach a-nochd fhathast.

Bidh prògram BBC Radio nan Gàidheal air an aidhear bho 10:30f air an radio fhèin, air BBC Sounds, agus an seo fhèin air làrach BBC Naidheachdan.

Agus cuimhnichibh cuideachd air Siubhal gu Boston le Pluto bho 9:00f - an dòigh as fheàrr do chur ann an sunnd air thoiseach air a' gheama mhòr.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte