Naidheachdan 11:00m

Na Làbaraich

Tha am Prìomhaire Sir Keir Starmer ag ràdh gum bi esan a' seasamh ann an taghadh sam bith a bhios ann airson ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich. A-raoir bhuannaich Andy Burnham fo-thaghadh Makerfield air iomall Mhanchester, agus esan an dùil ainm fhèin a chur air adhart airson a bhith mar cheannard air na Làbaraich an àite Sir Keir. Thuirt am Prìomhaire gun robh esan aig ceann a' phàrtaidh a chaidh a thaghadh le mòr-chuid mòr den Phàrlamaid, agus nach biodh e a' coiseachd air falbh bhon sin. Anns am fo-thaghadh a-raoir, fhuair Andy Burnham barrachd bhòtaichean dha na tagraichean eile uile còmhla. Tha Mgr Burnham an-dràsta a' bruidhinn air na planaichean agus prìomhachasan a th' aigesan, 's e ag ràdh gum bi e a' mìneachadh slighe ùr dha Breatainn, agus gur e seo an cothrom mu dheireadh aig a' Phàrtaidh Làbarach atharrachadh.

Fo-thaghaidhean

Tha na Tòraidhean ann an Alba air moladh dha pàrtaidhean eile a bhith air am faiceall, às dèidh dhaibhsan fo-thaghadh dha Pàrlamaid Westminster a bhuannachadh airson a' chiad uair bho na 60an anns an linn a dh'fhalbh. Bidh iad na Tòraidhean a thàinig am bàrr ann am fo thaghadh Obar Dheathain a Deas far an robh staid gnìomhachas na h-ola mar chuspair mhòr. Bha an sgìre roimhe aig Stephen Flynn, a bha mar cheannard Westminster air an SNP mus deach a thaghadh gu Pàrlamaid na h-Alba. Chùm an SNP grèim air an sgìre eile a bha le fo-thaghadh pàrlamaid a-raoir, Obar Bhrothaig agus Bruachaidh.

Iran

Tha sabaid air a bhith a' leantainn anns an Lebanon le feachdan Israelach ag amas air targaidean le ceangal, tha iad ag ràdh, ris a' bhuidhinn Hezbollah. Tha iad ag ràdh gun tug iad ionnsaigh air na timcheall air 80 targaid 's gun robh iad air na dusanan de bhuill Hezblah a mharbhadh, ach gun robh ceathrar de na saighdearan aca fhèin air bàsachadh cuideachd. Tha an t-sabaid a' leantainn ged a bha Iran agus na Stàitean Aonaichte le chèile ag iarraidh gum biodh sìth ann anns an Lebanon mar phàirt den aonta gus an cogadh eatorra a thoirt gu ceann. Tha Lebanon ag ràdh gun deach co-dhiù ochd duine deug de mhuinntir na dùthcha a mharbhadh. 'S tha dàil às ùr air a thighinn air còmhraidhean sìthe eile eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran. Bha dùil riutha anns an Eilbheis an-diugh gus togail air an aonta sìthe a chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo.

Chaidh fear a shaoradh air urras às dèidh a bhith air a chur an grèim fo amharas murt fheuchainn ri linn mar a chaidh balach òg fhaighinn ann an crò dha crogallan aig sù ann an Sasainn. Chaidh an duine a mheasadh le na poilis mar neach nach biodh aig ìre far am b' urrainn a cheasnachadh. Tha e air nochdadh gun do leum bean an duine leis a bheil an sù dhan chrò ann an oidhirp am balach a shàbhaladh. Tha am balach aois trì bliadhna anns an ospadal 's e ann an staid gu math ìosal ach cothromach.