Obair-dealbhaidh air ionad-tadhail ùr an Gleann Fhionnainn

Chruinnich Teàrlach Òg Stiùbhairt agus ceudan den luchd-taice aige ann an Gleann Fhionnainn bho chionn còrr is 280 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Nì ailtirean dealbhadh air na dh'fhaodadh ionad-tadhail ùr a bhith coltach air an làraich far an do chruinnich na ceudan de Ghàidheil airson an cuid dìlseachd do Theàrlach Òg Stiùbhairt a ghealltainn.
Chaidh na goireasan aig Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS) a th' ann an-dràsta a thogail sna 1960an nuair a bha timcheall air 100,000 neach sa bhliadhna a' dol a Ghleann Fhionnainn.
An-uiridh, chaidh mu 660,000 duine ann agus chaidh LDN Architects fhasdadh le NTS airson co-obrachadh le na dealbhadairean-tìre Ironside Farr air togalach agus làrach ùr.
San Lùnastal 1745, chruinnich Teàrlach Òg Stiùbhairt agus 1,200 luchd-taice ann an Gleann Fhionnainn ann an iomairt gus crùn Bhreatainn fhaighinn a thilleadh do na Stiùbhartaich. Cha deach leotha agus chaidh ruaig a chur air na Seumasaich aig Blàr Chùil Lodair ann an 1746.
A' chiad urchair moirteir nach do spreadh air a lorg aig raon Bhlàr Chùl Lodair
- Air fhoillseachadh13 An Giblean
Claidheamh bho Bhlàr Chùil Lodair ga reic aig rùp
- Air fhoillseachadh6 Am Màrt 2024
Tha NTS air a bhith ag obair air planaichean airson goireasan nas fheàrr do luchd-tadhail airson grunn bhliadhnaichean.
Thuirt Clea Warner, Stiùiriche Sgìreil don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan: "Chan ann airson barrachd luchd-tadhail a tharraing a tha seo ach airson goireasan nas fheàrr a bhith againn don fheadhainn air am bi sinn mar-thà a' cur fàilte.
"Gu math tric, tha e na dhùbhlan do luchd-tadhail, luchd-obrach agus don choimhearsnachd gu bheil sluagh cho mòr ann a rèir na tha de ghoireasan dhaibh."
Tha muinntir Ghleann Fhionnainn cuideachd ag obair air làraich fa leth far an gabh dèiligeadh ri na bhios ann de thrafaig ann an dòigh nas èifeachdaiche agus a bhrosnaicheas còmhdhail sheasmhach mar choiseachd agus rothaireachd.
Oidhirpean dèiligeadh le parcadh an Gleann Fhionnainn
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios 2024
Buidheann ùr an Gleann Fhionnainn
- Air fhoillseachadh15 An t-Ògmhios 2023
Thuirt NTS gum biodh an dà phròiseact gan leasachadh còmhla airson dèanamh cinnteach gum biodh na planaichean a' freagairt air a chèile.
Thuirt Ingrid NicEanraig, cathraiche Ghoireasan Coimhearsnachd Ghleann Fhionnainn SCIO: "'S e ceum cudromach a tha seo ann a bhith a' leasachadh chùisean do luchd-turais agus luchd-còmhnaidh ann an Gleann Fhionnainn.
"Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth leis an urras airson dèanamh cinnteach gu bheil leasachadh an ionaid-tadhail, agus am pròiseact againn goireas pàircidh a stèidheachadh, gu bhith gu buannachd an luchd-turais agus a' toirt lùghdachaidh air buaidh turasachd air beatha làitheil mhuinntir an àite."
Tha an t-ionad-tadhail faisg air carragh-chuimhne a thogadh ann an 1815 a chomharrachadh na làraich far an do ràinig am prionnsa Gleann Fhionnainn.