Gàidheil òga an Astràilia: Cothroman-obrach agus deagh aimsir

Isabelle Nic'IlleBhàin ann an Astràilia
- Air fhoillseachadh
Tha mi cinnteach gu bheil iomadach duine òg an-dràsta coltach rium fhèin a' faicinn charaidean agus co-oghaichean a' cur am beatha ann am baga agus iad a' dèanamh às a dh'Astràlia.
Sin an dearbh cheann-uidhe a th' aig Gillies O'Hanlon, 23, à Glaschu. Tha e an-dràsta na mhanaidsear air taigh-seinnse anns a' bhaile agus sin an seòrsa obair a tha e a' sireadh air taobh eile an t-saoghail nuair a ruigeas e san t-Sultain.
"Tha gnìomhachas na h-aoigheachd thall an sin gu math soirbheachail," thuirt e.
"Tha e tòrr nas fhasa dreuchd a dhèanamh dheth agus tha tòrr a bharrachd spèis aig daoine dhan ghnìomhachas.
"Ann an Alba, 's e aoigheachd fear de na prìomh ghnìomhachasan, ach 's e aon de na h-obraichean anns a bheilear a' faighinn a' phàighidh às ìsle."
Tha Gillies a' coimhead air adhart ri tuarastal nas fheàrr ann an Astràilia cuideachd agus cha bhi càil a dhìth caraidean air, agus mu dheichnear ann.

Gillies O'Hanlon

Sydney, Astràilia
Chan eil Gillies agus a charaidean nan annas.
Sheall figearan bho Oifis nan Stadastaig Nàiseanta gun tàinig àrdachadh 40% air na tha de Bhreatannaich eadar aois 20 agus 29 a tha a' fuireach ann an Astràilia, eadar 2021 agus 2025.
Chan fhaca buidhnean-aoise sam bith eile àrdachadh cho mòr.
Bha dùil aig Isabelle NicIlleBhàin, a Leòdhas, gum biodh i bliadhna ann an Sydney nuair a dh'fhàg i Alba ann an 2024. Ach chaidh bliadhna seachad agus bha a' chùis agus an dòigh beatha a' còrdadh cho math rithe 's nach robh i a' faireachdainn deiseil airson tilleadh.
"Tha tòrr aige ri dhèanamh ris an aimsir," thuirt i. "Dìreach gun urrainn dhut uiread a dhèanamh. Tha daoine ag èirigh nas tràithe 's a' dèanamh barrachd spòrs.
"Tha tòrr thràighean faisg oirnn 's a tha e cho furasta dìreach coiseachd sìos agus a bhith anns a' ghrèin."

Melbourne, Astràilia
Nuair a chaidh Morris MacÌomhair, cuideachd à Leòdhas, gu taobh eile an t-saoghail bha dùil aige tilleadh às dèidh dà bhliadhna. Ach chaidh 10 bliadhna seachad agus tha e ann fhathast. Faodaidh e a ràdh gur e Wallaby a th' ann a-nis agus e air saoranachd Astràilianach fhaighinn.
Tha faireachdainn aige gu bheil barrachd Bhreatannach air a bhith a' tighinn a-nall sna bliadhnaichean mu dheireadh agus tha e a' tuigsinn dè tha gan tàladh.
"An-dràsta, tha mi a' smaoineachadh gu bheil na cothroman obrach agus eaconamaigeach a th' ann an seo do dhaoine nas fheàrr," thuirt e.
"Tha e coltach gu bheil prìs thaighean agus cosgaisean bith-beò ann am Breatainn nas duilghe do dhaoine a-nis na bha nuair a thàinig mise an seo bho chionn 10 bliadhna.
"Do dhaoine òga, saoilidh mi gu bheil seo a' toirt orra a thighinn a-nall 's iad a' coimhead airson rudeigin ùr nam beatha."
Chan e càil ùr no annasach a th' ann am Breatannaich, agus gu dearbha Gàidheil, a bhith a' dèanamh air Astràilia agus chan eil càil a choltas ann gun atharraich sin san aithghearrachd.