An ath-chaibideil ann an sgeulachd Chnoc Soilleir a-nis a' tòiseachadh

Ailig O'Henley còmhla ri Daibhidh MacAonghais bho Bhràithrean MhicAonghais Earranta san talla ùr aig Cnoc SoilleirTùs an deilbh, Cnoc Soilleir
Fo-thiotal an deilbh,

Ailig O'Henley còmhla ri Daibhidh MacAonghais bho Bhràithrean MhicAonghais Earranta san talla ùr aig Cnoc Soilleir

  • Air fhoillseachadh

Tha an obair togail air an ionad airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas a-nis deiseil.

Tha an dàrna ìre den leasachadh aig Cnoc Soilleir ann an Dalabrog air a crìochnachadh agus tha an togalach a-nis air ais an làmhan stiùirichean.

Thug Cathraiche Bòrd-stiùiridh Chnoc Soilleir Earranta, Ailig O'Henley, taing don chompanaidh Bràithrean MhicAonghais Earranta airson "sàr obair a dhèanamh".

Togalach geal le coltas ùr air. Tha bhanaichean air a thaobh a-muigh.

Thuirt e: "Tha mi an dòchas gum bi e na lòchran dhan h-uile duine aig a bheil meas air a' Ghàidhlig, air a' cheòl agus air a' chultar - an dà chuid an seo an Uibhist a Deas agus nas fhaide air falbh - airson bliadhnaichean mòra ri thighinn."

Tha 26 bliadhna ann bho thòisich an iomairt airson ionad dualchais a stèidheachadh, agus thòisich an obair air an dàrna ìre den leasachadh san Dàmhair 2024.

A-nis, tha talla-cluiche le rùm gu leòr do 200 luchd-èisteachd, stiùidio dannsa, seòmraichean deasachaidh agus siostam lèir-chlaistinneach san togalach ùr.

Tha Cnoc Soilleir ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum faigh na com-pàirtichean aca, Ceòlas agus UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a thuilleadh air buidhnean is daoine eile, buannachd às a' ghoireas leudaichte.