Rothaiche à Leòdhas an tè as luaithe ann an reis timcheall air Alba

Cariostìona NicCoinnich air rothair san uisge Tùs an deilbh, CAIRIOSTÌONA NICCOINNICH
  • Air fhoillseachadh

Chuir an rothaiche Leòdhasach Christina NicCoinnich crìoch air Rèis Trans Alba na bliadhna is i a' toirt leatha clàr nam ban.

Thug i faisg air ceithir là gu leth a dhol astar còrr is 1,000 mìle le 66,000 troigh de dhìreadh agus a' gabhail a-steach ceithir tursan aiseig.

Anns an rèis, taobh a-muigh bidh na farapaisichean a' dol leotha fhèin gun taic a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann agus a' crìochnachadh ann an Port na Banrigh a Deas.

Bha Christina san t-siathamh àite. Thuirt i gun robh i air "a dòigh glan" ach "claoidhte agus goirt".

A thuilleadh air soirbheachas ann an rèisean TT agus a bhith a' briseadh chlàran b' i an tè a bu luaithe riamh eadar Land's End agus Taigh Iain Ghròt 2021 agus air slighe an NC5000 ann an 2021.

Tha a' bhuaidh as ùire seo nas iongantaiche buileach nuair a smaoineachas tu air na dùbhlain ris am b' fheudar dhi dèiligeadh.

San t-Sultain 2022 bhuail carbad innte 's i a-muigh air a' bhaidhseagal agus chaidh a fàgail air a fìor dhroch leòn.

Bha i 10 là san ospadal agus bha trì mìosan de dh'ath-shlànachadh dhuilich aice mus b' urrainn dhi faighinn air an rothair a-rithist.

Dh'fhuiling i buille eile nuair a thàinig sròc oirre bho chionn dà bhliadhna.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte