
Tha an tè-bhaidhsagail Leòdhasach Christina NicCoinnich ag amas air clàr eile is i a' dèanamh a slighe timcheall an NC500.
Dh'fhàg i Caisteal Inbhir Nis aig 05:00m Dihaoine is i a' cur roimhpe fhèin an NC500 - a tha 516 mìle de dh'fhaid - a dhèanamh ann an nas lugha na 35 uairean de thìde.
Bhiodh sin na bu luaithe na rinn boireannach riamh.
Stèidhich Christina, 44, clàr ùr an-uiridh airson a dhol eadar Land's End is Taigh Iain Ghròta ann an 51 uair, 5 mionaidean agus 27 diogan.
Faodar adhartas Christina air an NC500 a leantainn an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Iuchar 2021
