Comhairle na Gàidhealtachd ag obair le gnìomhachas na turasachd air cìs air luchd-tadhail

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' co-obrachadh le gnìomhachas na turasachd gus cìs air luchd-tadhail a dhealbh.
Rinn an t-ùghdarras ionadail co-chomhairle roimhe air cìs 5% is iad den bheachd gum faodadh seo £10m a thogail gach bliadhna.
Chaidh dàil air na planaichean san Dùbhlachd is Riaghaltas na h-Alba air innse gun robh iad gus an lagh a thaobh cìs luchd-tadhail mar a thàinig e a-steach ann an 2024 atharrachadh.
Tha an t-atharrachadh sin a' leigeil le ùghdarrasan ionadail cìs stèidhichte a chur air luchd-tadhail, seach dìreach cìs a bhiodh stèidhichte air ceudad (%) de na chosg iad air àitichean-fuirich air an turas aca.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toireadh seo barrachd sùbailteachd do dh'ùghdarrasan ionadail.
Bha co-chomhairle Comhairle na Gàidhealtachd roimhe air sealltainn gun robh draghan ann an gnìomhachas na turasachd mu chìs stèidhichte air ceudad a-mhàin is cho toinnte is cosgail 's a dh'fhaodadh e a bhith seo a chur an sàs.
Dàil às ùr air cìs luchd-tadhail air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2025
Co-chomhairle na cìse turasachd ga leudachadh
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2024
Co-chomhairle gus tòiseachadh air cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain 2024
Fhuair an t-atharrachadh Cead Rìoghail sa Chèitean is bidh e air a chur an sàs san Iuchar.
Bidh e a' ciallachadh gu bheil an dà chuid cìs stèidhichte agus cìs stèidhichte air ceudad ceadaichte.
Ann an aithisg, taobh a-muigh a thèid air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin seo tighinn, thathar ag ràdh gun tàinig còrr is naoi muillean de luchd-tadhail dhan Ghàidhealtachd ann an 2024.
Tha an aithisg ag innse gu bheil oifigearan air a bhith ag obair le riochdairean bho ghnìomhachas na turasachd gus cìs air luchd-tadhail a dhealbh is a chur air beulaibh chomhairlichean.
Thathar ag iarraidh air comhairlichean aontachadh gum bu chòir an obair sin a thoirt air adhart chun na h-ath ìre gus dreach mholaidhean a stèidheachadh.
Bhiodh co-chomhairle phoblach eile ann air na molaidhean agus aithisg cho luath 's a ghabhadh às dèidh sin mun t-slighe air adhart airson cìs air luchd-tadhail air a' Ghàidhealtachd.