Glumagan nan Sìthichean sa Chuiltheann air stampa ùr

Tha Glumagan nan Sìthichean air tè de na làraichean as motha a tha a' tarraing luchd-tadhail san Eilean Sgitheanch
- Air fhoillseachadh
Tha Glumagan nan Sìthichean san Eilean Sgitheanch agus Eas Rothagaidh an Siorrachd Rois am measg nan làraichean a tha a' nochdadh air seata stampaichean ùra a dh'fhoillsich am Post Rìoghail Dihaoine.
Tha easan ainmeil bho na ceithir dùthchannan san Rìoghachd Aonaichte gan taisbeanadh san t-seata ùr.
Tha Rhaeadr Y Graig Lwyd agus Pistyll Rhaeadr a' riochdachadh bòichead na Cuimrigh.
'S iad na làraichean an Èirinn a Tuath a chaidh a thaghadh Uamh Pollnagollum agus Ess-na-Larach.
Ann an Sasainn 's iad Eas Aysgarth, Eas Becky, High Force agus Hardraw Force an fheadhainn a chìthear.
- Tùs an deilbh, AM POST RÌOGHAIL

Fo-thiotal an deilbh, Eadar an t-Ògmhios agus an Dàmhair bidh daoine a' tighinn a dh'fhaicinn bhradan a' leum suas Eas Rothagaidh air an slighe do na grunndan-cladha
1 de 9
Tha David Gold, Stiùiriche Poileasaidh aig a' Phuist Rìoghail ag ràdh gu bheil na stampaichean "a' taisbeanadh cho bòidheach 's a tha an àrainneachd nàdarra a chruthaich uisge thairis air na mìltean bhliadhnaichean".
Tha Ùisdean Macleòid, Stiùiriche Oighreachd MhicLeòid sa bheil Glumagan nan Sìthichean ag ràdh gu bheil iad air an dòigh gu bheil an ìomhaigh a-nochdadh sa chruinneachadh ùr aig a' Phost Rìoghail.
Thuirt e: "Beartach ann an eachdraidh nan cinnidhean, 's e Glumagan nan Sìthichean tè de na làraichean as iongantaiche air Oighreachd MhicLeòid.
"Tha an t-uisge fìor-ghlan agus an Cuiltheann air an cùlaibh a' tarraing luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 Am Màrt 2024







