An Cupa Ceilteach

An Cupa Ceilteach

Geàrr-shealladh

  • Tha Camanachd an Òbain air Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu a bhuannachadh

  • Rinn iad an gnothach 3-1 air Caol Bhòid

  • 'S e dà thadhal aig fìor dheireadh a' chiad leth a rinn an gnothach dhaibh

  • Air fhoillseachadh

6:30f

Uill sin e bhuainne an-diugh is a' chiad duilleag bheò aig BBC Naidheachdan!

Taing 'son fuireach còmhla rinn is meal an naidheachd bhuainne air Camanachd an Òbain.

Is bidh sinn air ais le duilleag bheò eile bho 10:00f Diardaoin seo tighinn is farpais air choireigin eile gu bhith ann.

Chì sinn an seo sibh.

Taghadh

6:24f

Tha Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu aig Camanachd an Òbain 'son an 22na turas nan eachdraidh.

Bidh iad a-nise ag amas air Cupa MhicAmhlaigh a chumail is Cupa na Camanachd a bhuannachadh.

Bidh iad an dòchas nach bi na balaich a chaidh a ghoirteachadh an-diugh a-mach ro fhada.

Bha dòchas ann do Chaol Bhòid an-diugh cuideachd.

Tha faireachdainn san sgioba aithris aig Radio nan Gàidheal gun sreap iad air falbh bho bhonn na lìge ma chluicheas iad mar sin anns na mìosan ri thighinn.

Fo-thiotal,

An cupa a' dol dhan Òban.

6:16f

Tha Gareth Evans aig an Òban cuideachd a' togail air na tadhail sin aig deireadh a' chiad leth.

Thuirt e gun robh an sgioba aige "air leth" is gun do làimhsich iad an dàrna leth fìor mhath.

Thog e dragh cuideachd mun uimhir a chaidh a ghoirteachadh is geama mòr aca ann an Cupa na Camanachd an ath-sheachdain.

Tha Gareth cuideachd an dòchas gu bheil cead aige a bhith air a' phàirc an-dràsta is e air a chasg bho oir na pàirce an-diugh.

Fàgaidh sinn sin aige sin.

6:12f

Tha Roddy Dòmhnallach air innse do Radio nan Gàidheal gu bheil e moiteil à Caol Bhòid.

Thuirt e gun robh an sgioba aige le làmh an uachdair 'son amannan tron gheama is gur e "còig mionaidan craicte" a chuir às dhaibh.

Rinn e moladh air an Òban is e ag ràdh gun toir Kyles na h-uimhir às a' gheama.

Cupa

6:08f

Fhuair Andy King duais sàr-chluicheadair an là.

A-nise an cupa fhèin...

Cupa

6:05f

Tha Iain Caimbeul ag ràdh gum bi Caol Bhòid a' caoidh an dà thadhal a chaill iad aig fìor dheireadh a' chiad leth. Sin far an deach an geama a bhuannachadh is a chall.

6:04f

Uill bha cothrom aig Caol Bhòid aig fìor dheireadh a' gheama le buille peanais ach cha b' urrainn dhaibh am ball a chur dhan lìon. Chuir an sàbhaladh sin crìoch air feasgar fìor mhath aig Cammy Sutharlannach eadar na puist dhan Òban.

6:01f

THA E SEACHAD - THA CAMANACHD AN ÒBAIN AIR AN CUPA A BHUANNACHADH

6:00f

AIR A SHÀBHALADH!

5.59f

BUILLE PEANAIS DO CHAOL BHÒID!

5:57f

Tha còig mionaidean gan cur ris a' gheama.

Is tha Andy Dòmhnallach aig an Òban - a chaidh a ghoirteachadh tràth - air tilleadh.

5:54f

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill air cluinntinn gur e Andy King aig Caol Bhòid a gheibh duais sàr-chluicheadair an là.

Ach thèid an cupa fhèin dhan Òban - ach a-mhàin ma tachras rudeigin air leth iongnantach.

Tha na 90 mionaid gu bhith air an cluich.

5:51f

Cha robh Iain Ceanadach air a' phàirc ro fhada. Tha e air a dhol dheth is Luke Thornton air tighinn air do Chaol Bhòid.

87 mionaidean air a chluich a-nise.

5:48f

Tha ùine a' ruith a-mach air Caol Bhòid aig Pàirc Peterson...

Peterson

5:45f

Bha Conor Ceanadach faisg an sin do Chaol Bhòid.

Feumaidh iad tadhal a dh'aithghearr ma tha cothrom gu bhith aca - chan eil air fhàgail ach 10 mionaidean a-nise.

5:41f

Bha cothrom aig Matthew Sloss dhan Òban an sin.

Fiosrachadh bho Dhòmhnall MacLaomainn aig oir na pàirce gu bheil Caol Bhòid air Roddy Dòmhnallach a chur aig an aghaidh.

Sin far an do thòisich e - is far an do chuir e ceithir tadhail sa chuairt dheireannaich do Chupa na Camanachd ann an 2012.

Nì e feum an sin - ach am bi Caol Bhòid ga ionndrainn nas doimhne air a' phàirc?

5:38f

Tha am ball a-mach 'son buille oisein do Chamanachd an Òbain is cothrom an uairsin aig Camshron ach chaidh e far na targaid.

Fhathast 3-1.

5:36f

Tha 20 mionaid air fhàgail is Camanachd an Òbain air thoiseach 3-1.

Tha feum aig Caol Bhòid air rudeigin an seo, ach chunnaic sinn sa chiad leth gun urrainn do gheama tionndadh ann am priobadh na sùla.

Agus bha leth chothrom an sin do Scott Dòmhnallach aig Caol Bhòid.

Camanachd an Òbain a' briseadh a-nise....

5:34f

Chaidh am ball suas àrd an sin is bha e faisg air Iain Caimbeul againne a bhualadh!

Clogaidean dhan sgioba aithris saoil?!

5:30f

'S e Iain Ceanadach a th' air tighinn air an àite Cowie.

Chluich an Ceanadach sa chuairt dheireannaich roimhe dà thuras do dh'Inbhir Aora an aghaidh Chaoil Bhòid is chaill e a dhà, mus do ghluais e do sgioba Thaigh na Bruaich.

Mura tig spionnadh air choireigin ann an Caol Bhòid a dh'aithghearr bidh an Ceannadach a' call sa chuairt dheireannaich a-rithist

5:28f

Barrachd droch naidheachd do Chaol Bhòid is Will Cowie air a dhol dheth. Tha an Sgitheanach air a ghoirteachadh is tha am feasgar seachad dha.

5:27f

Bha Dòmhnall MacLaomainn ag innse gun robh coltas ìosal air Caol Bhòid aig leth-ùine is mar a chì sinn an seo bha e ceart.

Caol Bhòid

5:23f

Thàinig Inbhir Aora air ais bho 3-1 ann an an 1974 - an urrainn do Chaol Bhòid a dhèanamh am-bliadhna?

Bha leth-chothrom aig Will Cowie an sin.

Cha mhòr uair a thìde air a cluich a-nise.

5:20f

Tha traidisean snog aig Comann Ceilteach Ghlaschu a bhith a' comharrachadh na sgioba a bhuannaich bho chionn 50 bliadhna.

Seo cuid de na seòid bho Inbhir Aora a rinn an gnothach ann an 1974.

Dh'innis fear dhiubh, Dàibhidh Mac a' Phearsain, mar a thàinig iadsan air ais an aghaidh Chaoil Bhòid san dàrna leth is iad 3-1 sìos, ged a bha luchd-taic air falbh gus Alba aig Cupa na Cruinne a choimhead!

Seòid
Fo-thiotal an deilbh,

Seòid Inbhir Aora ann an Glaschu an-diugh

5:16f

Uill a bharrachd air rèidio, TBh is an seo fhèin tha sinn cuideachd a' sgaoileadh a h-uile brag is eile bhon gheama air X - feuch gum fan sibh còmhla rinn!

Cha ghabh am post X seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air X
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air X teachdaireachd le BBC Spòrs Gaelic

Cead do stuth X?

Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh X teachdaireachd le BBC Spòrs Gaelic

5:13f

Sin sgeulachd a' chiad leth ma-tha.

Tha iad air tòiseachadh a-rithist is Camanachd an Òbain air thoiseach 3-1.

Tha Ceit Bradley den bheachd nach robh loidhne-dìon Chaoil Bhòid aig ìre sa chiad leth.

Eil slighe air ais dhaibh?

5:11f

Ach bha ùine tadhal eile a chur - Lewis Camshron leis gus an t-Òban a chur 3-1 air thoiseach.

Fo-thiotal,

An t-Òban 3 Caol Bhòid 1

5:10f

Bha leth-ùine cha mhòr ann nuair a chuir Malcolm Clark an t-Òban air thoiseach 2-1.

Fo-thiotal,

An t-Òban 2 Caol Bhòid 1

5:04f

Dòmhnall MacLaomainn air BBC Radio nan Gàidheal ag ràdh gu bheil coltas ìosal air Caol Bhòid shìos an sin. 'S beag an t-iongnadh.

5:03f

Fhreagair Caol Bhòid an ìre mhath luath - seo an tadhal bho Scott Dòmhnallach a dh'fhàg iad co-ionnan.

Fo-thiotal,

An t-Òban 1 Caol Bhòid 1

5:01f

Seo a' chiad thadhal den là is Malcolm Clark a' cur sgioba an Òbain 1-0 air thoiseach.

Fo-thiotal,

An t-Òban 1 Caol Bhòid 0

4:58f

Leth-ùine is Camanachd an Òbain air thoiseach 3-1.

Bha Caol Bhòid nas fheàrr 'son cuid dheth ach ghabh an t-Òban smachd air aig an deireadh.

Bheir sinn dhuibh na tadhail nuair a tha sinn air ar n-anail a ghlacadh!

4:56f

Uill ann am priobadh na sùla tha an geama air a dhol bun os cionn!

Chuir Malcolm Clark an t-Òban 2-1 air thoiseach, is cha mhòr sa bhad nochd Lewis Camshron le tadhal eile.

3-1 dhan Òban is leth-ùine gu bhith ann.

4:55f

MO CHREACH - TADHAL EILE DO CHAMANACHD AN ÒBAIN!

4:54f

TADHAL EILE DO CHAMANACHD AN ÒBAIN!

4:51f

Sàbhaladh sònraichte eile bho Jack Whyte eadar na puist do Chaol Bhòid.

Bha cuid air ceistean a thogail mu Whyte ron gheama. Fhreagair e gach ceist gu seo.

Fhathast 1-1.

4:47f

Buille eile do Chamanachd an Òbain an seo is Daniel Madej air a ghoirteachadh.

Tha Seumas MacMhaoilein air tighinn air na àite.

4:45f

Freagairt luath bho mhuinntir Thaigh na Bruaich.

'S e Scott Dòmhnallach a chuir an tadhal is Cammy Sutharlannach air a' chiad oidhirp a stad.

Tha Kyles airidh air sin.

4:44f

TADHAL DO CHAOL BHÒID!

4.40f

'S e Malcolm Clark a fhuair e bho astar.

Thàinig e às dèidh do làmh an uachdair a bhith aig Caol Bhòid.

Leth-uair air a chluich is tha e 1-0 do Chamanachd an Òbain.

4:39f

TADHAL DO CHAMANACHD AN ÒBAIN!

4:31f

Cha robh tadhal againn fhathast is 20 mionaid air a chluich.

Nise, nam biodh am fear seo air a' phàirc seach a' coimhead tha fios nach toireadh e fada dha tadhal fhaighinn.....

Raghnall

4:28f

Tha Iain Caimbeul air Radio nan Gàidheal ag ràdh gu bheil Roddy Dòmhnallach ann an sunnd.

Deagh naidheachd do Chaol Bhòid oir nuair a tha Roddy ann an sunnd tha is an sgioba aige mar as trice.

4:26f

Agus sa bhad cothrom eile do Chaol Bhòid is sàbhaladh bho Chammy Sutharlannach - is an uairsin fear eile!

Tha làmh an uachdair aig Caol Bhòid an-dràsta.

4:25f

FAISG!

Bha Will Cowie faisg air tadhal do Chaol Bhòid an sin is an oidhirp dìreach seachad air a' phost.

Obair mhath a bha sin bhon Sgitheanach.

Cairteal na h-uaireach air a' ghleoc a-nise.

4:23f

Cuimhnich gu bheil Gilleasbuig MacDhòmhnaill is Iain Caimbeul ag aithris beò air a' gheama air BBC Radio nan Gàidheal (ceangal aig mullach na duileige).

Na seòid

4:19f

Atharrachadh do Chamanachd an Òbain is Andy Dòmhnallach air brag fhaighinn.

Tha Craig MacMhaoilein a-staigh na àite ach 's dòcha gum faic sinn an Dòmhnallach a-rithist às dèidh dha cùram fhaighinn.

4:17f

Cothrom eile aig Camanachd an Òbain an sin.

Tha Iain Caimbeul ag ràdh gun dèan e feum do mhisneachd Jack Whyte aig Caol Bhòid na sàbhalaidhean tràth seo a dhèanamh.

Seachd mionaidean air an cluich is tha e fhathast 0-0.

4:14f

Cha robh tadhal againn an seo fhathast ach bha iad a' frasadh a-steach ann an Siabost far an do rinn na Leòdhasaich an gnothach 7-0 air Both Fhleisginn.

Cha ghabh am post Facebook seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Facebook
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Leum thairis air facebook teachdaireachd le Camanachd Association

Cead do stuth Facebook?

Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Deireadh facebook teachdaireachd le Camanachd Association

4:11f

Tha sinn air tòiseachadh!

Is cothrom glè thràth aig Camanachd an Òbain air an do chuir Jack Whyte eadar na puist do Kyles stad.

4:09f

Rud beag air dheireadh an seo is na gnothaichean oifigeil fhathast a' dol ach cha mhòr deiseil.

Tha Iain Caimbeul air BBC Radio nan Gàidheal a' faighneachd an toir seo buaidh air na cluicheadairean.

Ro làimh

4:04f

Tha sinn a' feitheamh air na sgiobaidhean a-nise is iadsan a' feitheamh air muinntir an TBh 'son leigeil leotha tòiseachadh!

Tha sin a' toirt dhuinn cothrom sùil a thoirt air na tha a' dol ann an geamaichean eile.

Tha Lòbhat 1-0 air thoiseach air Loch Abar aig leth-ùine ann an Cupa MhicAmhlaigh.

Agus ann an Siabost tha na Leòdhasaich air thoiseach 4-0 air Both Fhleisginn.

4:01f

Ok tha toiseach a' gheama a' teannadh dlùth a-nise - cho math dhuinn cluinntinn a-rithist bho na sgiobaidhean.

Tha Javen Houston againne air a bhith a' bruidhinn riutha....

Fo-thiotal,

Beachd bho gach taobh.

3:58f

'S e obair chruaidh a th' aig Dòmhnall MacLaomainn air oir na pàirce an sin is chan eil fàileadh nam burgairean ga chuideachadh.

Dòmhnall bochd - am faigh cuideigin burgair dha?

3:55f

Tha Roddy dìreach air innse do Dhòmhnall MacLaomainn air BBC Radio nan Gàidheal gun deach e nas fhaide na bha dùil aige na bhriathrachas an là sin, ach gun d' fhuair e freagairt is barrachd chluicheadairean a' nochdadh aig trèanadh bhon uairsin.

Bha freagairt air a' phàirc an t-seachdain seo cuideachd is iad a' soirbheachdh 5-2 an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.

3:51f

Seadh, sin an t-Òban ma tha, ach dè mu dheidhinn muinntir Thaigh na Bruaich.

Bhuannaich Caol Bhòid an Cupa Ceilteach mu dheireadh ann an 2021.

Tha am-bliadhna air a bhith doirbh dhaibh gu seo - leis an là a bu mhiosa nuair a chaill iad 8-1 ri Loch Abar ann an Cupa na Camanachd.

Thuirt an cluicheadair/manaidsear Roddy Dòmhnallach an là sin gun robh e "air a nàrachadh" is gun robh e a' sùileachadh freagairt bho na cluicheadairean.

3:47f

Thàinig sgioba an Òbain faisg cuideachd ann an Cupa na Camanachd, a' call ri Ceann a' Ghiùthsaich sa mhionaid mu dheireadh sa chuairt dheireannaich.

Bha an seusan ùr rudeigin measgaichte gu seo is iad an-dràsta san t-seachdamh àite sa Phrìomh Lìog, is air nas lugha de gheamaichean a chluich na an còrr.

3.45f

Deagh là a bha sin dhan Òban.

Gu mì-fhortanach do Scott MacFhilip cha bhi e a' cluich an-diugh is e air a ghoirteachadh. Co-dhiù, bidh cothrom aige air an leann sin a bha e ag iarraidh aig deireadh a' gheama an-uiridh!

'S e Daniel Sloss a tha a' dol na àite. Tha Gareth Evans dìreach air innse dhan phrògram againn air BBC Radio nan Gàidheal gu bheil e glè thoilichte le Sloss an sin.

Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil Ross MacMhaoilein airidh air an àite aigesan an àite Matthew Sloss san sgioba is e air a bhith gu math bho chionn ghoirid.

Nise bha deagh sheusan aig sgioba an Òbain san fharsaingeachd an-uiridh is iad cuideachd a' togail Cupa MhicAmhlaidh....

Fo-thiotal,

Bhuannaich Camanachd an Òbain Cupa MhicAmhlaigh an-uiridh airson a' chiad turas ann an 28 bliadhna.

3:42f

Sin rud beag bìodach den eachdraidh ma tha - ach dè mu dheidhinn sgiobaidhean an là an-diugh?

Tha Camanachd an Òbain a' dìon a' chupa is iad air an gnothach a dhèanamh 2-0 air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal an seo fhèin aig Pàirc Peterson an-uiridh.

Seo mar a thachair...

Fo-thiotal,

Cuairt dheireannach 2023

3:39f

Tha eachdraidh fhada is chliùiteach aig an dà sgioba a tha a' farpais an-diugh.

Tha sgioba an Òbain air an cupa a thogail 21 turas, a' chiad uair ann an 1889.

Chaidh an cupa air ais gu Taigh na Bruaich 35 uair bho 1901.

Thachair na sgiobaidhean ri chèile sa chuairt dheireannaich 'son a' chiad uair ann an 1900. Bhuannaich sgioba an Òbain 2-1 an là sin, ged a tha aithrisean ag innse dhuinn gun robh iad "air an neartachadh air an là le ceathrar chluicheadairean bho sgioba Bhaile a' Chaolais".

Seadh, bidh Caol Bhòid a' cumail sùil air sgioba an Òbain an-diugh feuch nach eil ringers sam bith a' nochdadh.

Caol Bhòid

3:37f

Tha beagan is leth uair a thìde a-nise mus tòisich an geama is dà sgioba a-mach air a' phàirc ag ullachadh.

An t-Òban

3.33f

Tha an sgioba air Radio nan Gàidheal dìreach air a bhith a' bruidhinn ri Derek MacAoidh, bidh Derek ag aithris air cùisean do BBC ALBA an-diugh.

Tha Derek ag ràdh gu bheil a' phàirc ann an staid fìor mhath ach gu bheil i fìor chruaidh.

Tha Ceit Bradley ag ràdh gum fàg sin gum bi am ball a' gluasad gu luath.

3:30f

Camanachd an Òbain

Cammy Sutharlannach

Daniel Sloss

Andy Dòmhnallach

Louie MacPhàrlain

Daniel Madej

Daniel Camshron

Daniel MacCumhais

Griogar Dòmhnallach

Lewis Camshron

Daniel Mac a' Phiocair

Malcolm Clark (sgiobair)

Ross MacMhaoilein

Camanachd an ÒbainTùs an deilbh, Camanachd an Òbain

3:24f

Caol Bhòid

Jack Whyte

Calum Millar

Murchadh MacRath

Somhairle MacThòmais

Anndra King

Innes Dòmhnallach

Roddy Dòmhnallach

James Pringle

Scott Dòmhnallach (Sgiobair)

Connor Ceanadach

Ross MacRath

Will Cowie

Caol BhòidTùs an deilbh, Caol Bhòid

3.20f

Cuimhnich gu bheil sinn cuideachd beò air BBC Radio nan Gàidheal an-dràsta fhèin is an sgioba againn a' meòrachadh air a' gheama a tha ri thighinn.

Tha iad dìreach air fiosrachadh mu na sgiobaidhean a thoirt dhuinn...

3:15f

Seadh ma tha!

'S e là car eachdraidheil a th' ann dhuinne is seo a' chiad turas a rinn sinn duilleag bheò air làrach BBC Naidheachdan. Chan eil dad ùr mu Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu ge-tà!

B' ann san Dàmhair 1856 a thàinig feadhainn às a' Ghàidhealtachd cruinn ann an Glaschu airson comann a stèidheachadh. Seo na chuir iad romhpa fhèin:

"Cànan, litreachas, ceòl, bàrdachd, seanachas is geamaichean nan Gàidheal a ghlèidheadh"

Thòisich an cupa iomain ann an 1879 is 's iad Comhghall Ghlaschu a bhuannaich a' chiad fharpais.

Tha seo a' fàgail gur e an cupa as sine ann an iomain. Nach eil e àlainn?

Cupa Ceilteach

3:07f

Beagan naidheachd dhuibh an toiseach mu gheama eile nas tràithe air an là ann an Cuairt Dheireannach Chupa MhicÙisdein aig ìre Fo 17, far an do rinn Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal an gnothach 7-1 air Camanachd an Òbain.

Abair là air leth do dh'òigridh Ghlaschu! Meal an naidheachd orrasan.

Bidh muinntir an Òbain an dòchas nach ann mar sin a thèid an geama mòr feasgar.

Ann an Cupa MhicAmhlaigh an-diugh tha Ceann a' Ghiùthsaich air a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile 3-0, na tadhail bho Savio Genini is Dylan Borthwick (2).

Am measg gheamaichean eile tha Camanachd Leòdhais an-dràsta 3-0 air thoiseach air Both Fhleisginn ann an Siabost.

Cumaidh sinn fiosrachadh leibh tron fheasgar air geamaichean eile.

Pàirc Peterson

3:00f

Feasgar math dhuibh is fàilte oirbh dhan duilleig bheò againn airson Cuairt Dheireannach Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu eadar Camanachd an Òbain is Caol Bhòid!

Tha sùilean saoghal na h-iomain air Pàirc Peterson ann an Glaschu agus prìomh fharpais a' chinn a deas leis a' gheama a' tòiseachadh aig 4f.

Gheibhear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal (ceangal gu h-àird) bho 3f. Tha Calum MacAmhlaidh is Ceit Bradley san stiùdio le Gilleasbuig MacDhòmhnaill is Iain Caimbeul san sgioba aithris aig Pàirc Peterson is Dòmhnall MacLaomainn air oir na pàirce.

Bidh e cuideachd beò air BBC ALBA bho 4f le Derek MacAoidh ag aithris.

Agus bidh sinn fhìn a' cumail an fhiosrachaidh as ùire ribh tron fheasgar an seo fhèin aig làrach BBC Naidheachdan.

Fan far a bheil sibh ma tha - tha feasgar mòr iomain air thoiseach oirnn!