Nuair a chaill an luchd-taic aiseirigh iongantach Inbhir Aora

Bha Dàibhidh Mac a' Phearsain 17 nuair a bhuannaich Inbhir Aora an Cupa Ceilteach ann an 1974
- Air fhoillseachadh
Tha duine no dithis, tha fios, a tha air a bhith a' coimhead Euro 2024 anns na seachdainnean mu dheireadh nuair a bha còir aca a bhith a' dèanamh rudeigin air choireigin cudromach eile.
Tha e doirbh a bhith ro chruaidh orra (ged nach bi luchd-fastaidh 's dòcha ag aontachadh), oir chan ann ro thric a tha Alba a' ruighinn nam farpaisean mòra.
Air a' cheann thall cò chanadh tu nach biodh na truaghain bhochda air a bhith na b' fheàrr dheth a' dèanamh an cuid obrach co-dhiù.
Ach an cuala sibh a-riamh mun luchd-taic iomain a chaill aiseirigh iongantach leis gun robh iad air teicheadh gus coimhead Alba air an TBh ann an Cupa na Cruinne?
'S e sin a thachair ann an 1974 sa chuairt dheireannaich de Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu, tachartas a bhios air a chomharrachadh Disathairne nuair a choinnicheas Caol Bhòid is Camanachd an Òbain aig Pàirce Peterson ann an Glaschu ann an cuairt dheireannach 2024.
Bho chionn 50 bliadhna cha b' ann sa bhaile mhòr a bha an geama idir ach ann an Srath Chura.
Bha sin a' freagairt glè mhath air an dà sgioba a bha a' cluiche - Caol Bhòid is Inbhir Aora - is Srath Chura cha mhòr sa mheadhan eadar an dà àite.
Dh'fhàg sin gun robh sluagh fìor mhòr an làthair air là samhraidh taobh Loch Fìn, is chunnaic iad balaich Thaigh na Bruaich a' gabhail smachd air a' gheama.
Bha Dàibhidh Mac a' Phearsain na chluicheadair òg a' bristeadh a-steach gu sgioba Inbhir Aora aig an àm.

Seòid Inbhir Aora ann an Srath Chura ann an 1974
"Bha mi 17 is tha mi a' smaointinn gur e a' chiad chuairt dheireannach anns an do chluich mi," tha Dàibhidh a' cuimhneachadh.
"Bha an t-uabhas ann, chanainn gur e sluagh cho mòr 's a bha aig cuairt dheireannach sa Chupa Cheilteach.
"Bha Caol Bhòid 3-1 air thoiseach is dh'fhàg tòrr dhaoine aig leth ùine oir bha iad a' smaointinn gun robh e seachad, bha iad a' smaointinn gun robh an cupa aig Kyles."
Ach mar a tha grunn a chluich an là sin a' cuimhneachadh, Dàibhidh nam measg, bha adhbhar eile ann a thuilleadh air sin.
Bha Alba a' cluich Yugoslavia aig an dearbh àm ann an Cupa na Cruinne sa Ghearmailt. Chunnaic an fheadhainn a theich às an iomain tràth tadhal anmoch bho Joe Jordan a' glèidheadh puing do dh'Alba ann an geama a chrìochnaich 1-1.
Cha robh siud gu leòr do dh'Alba a chaidh a-mach às an fharpais ged nach do chaill iad geama idir - a dh'aindeoin gun robh iad ann am buidheann còmhla ri Braisil is Yugoslavia.
Mura robh siud dona gu leòr, bha buille eile ann dhan luchd-taic a dh'fhàg tràth nuair a chuala iad mun dàrna leth ann an Srath Chura.
Thàinig Dàibhidh òg far na beingidh is dhùisg Inbhir Aora.
"Fhuair sinn spionnadh air choireigin san dàrna leth is thàinig cruth-atharrachadh air a' gheama," tha Dàibhidh ag innse.
"Thàinig cùisean ri chèile dhuinn dìreach. Fhuair mi fhìn tadhal is fhuair is mo bhràthair Ernie is rinn sinn a' chùis."
Tha seòid Inbhir Aora den bheachd gur e 5-4 a bh' ann, ged a tha na leabhraichean eachdraidh ag ràdh 4-3.
Às b' i dè bh' ann, chaidh an cupa air ais gu Inbhir Aora co-dhiù.
"Chuir e iongnadh air tòrr dhaoine. Ag innse na fìrinn chuir e iongnadh oirnn fhìn," tha Dàibhidh ag ràdh.
"Cha b' urrainn dhan fheadhainn a dh'fhalbh tràth a chreidsinn, chaill iad dàrna leth gu math sònraichte."

Tha naoinear de na daoine a chluich do dh'Inbhir Aora an là sin fhathast beò is bidh cuid dhiubh an làthair aig Pairce Peterson Disathairne mar phàirt den traidisean aig Comann Ceilteach Ghlaschu gus a' chuairt dheireannach bho chionn 50 bliadhna a chomharrachadh.
Bidh Dàibhidh nam measg.
"'S e rud snog a th' ann daoine a thoirt còmhla is cothrom cuimhneachadh air na làithean sin," tha e ag ràdh.
Mar a thachair, cha do bhuannaich Inbhir Aora an cupa a-rithist bho 1974 gu 1995. Às dèidh sin ghabh iad smachd làidir air an fharpais ann am bliadhnaichean tràth an 21mh linn, ga buannachadh 9 tursan ann an 10 bliadhna le Dàibhidh mar mhanaidsear.
Tha an cluba air a dhol air ais beagan bhon uairsin le Caol Bhòid is Camanachd an Òbain air tilleadh mar phrìomh sgiobaidhean a' chinn a deas.
Tha Dàibhidh eòlach gu leòr air an dà sgioba is dùil aige ri geama faisg Disathairne.
"Bha mi a' taobhadh ri Camanachd an Òbain is iadsan nas làidire am-bliadhna is Caol Bhòid ann am beagan de shloc, ach seall an t-seachdain seo chaidh (nuair a rinn Caol Bhòid a' chùis air Baile Ùr an t-Slèibh 5-2).
"Tha iad a' faighinn chluicheadairean air ais is le Caol Bhòid chan eil fios agad, chan urrainn dhut àm sam bith a ràdh nach eil cothrom aca - gu h-àraidh anns na cupanan agus ann an cuairtean deireannach gu sònraichte, oir tha iad an-còmhnaidh a' lorg rudeigin a bharrachd.
"Mar sin bhithinn air Camanachd an Òbain a ràdh ach a-nise tha e doirbh. Chanainn gum faodadh e a dhol taobh seach taobh.
"Nì sin cuairt dheireannach nas fheàrr co-dhiù."
Tòisichidh an geama Disathairne aig 4:05f is cluinnear e beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 3f, is e cuideachd beò air BBC ALBA bho 4f.
A bharrachd air sin, gheibhear am fiosrachadh as ùire mun gheama mar a tha e a' tachairt an seo fhèin air làrach BBC Naidheachdan bho 3f.
Siuthad ma-tha, feuch gun cùm sibh làn-aire air an iomain seach a dhol a choimhead na h-Euros air an tele - chan eil fios agad dè dh'fhaodadh tu call!
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt 2020
