Barrachd ùine aig dachaigh-cùraim Home Farm an t-seirbheis a leasachadh

Dachaigh-cùraim Home Farm
Fo-thiotal an deilbh,

Tha chun an 25mh den Lùnastal aig NHS na Gàidhealtachd ceannas agus seirbheis na dachaigh-cùraim a chur am feabhas

  • Air fhoillseachadh

Tha Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim ag ràdh nach deach dèiligeadh ris na easbhaidhean sa chùram a thathas a' toirt seachad aig Home Farm ann am Port Rìgh.

Thug iad barrachd ùine do NHS na Gàidhealtachd piseach a thoirt air ceannas na dachaigh-cùraim agus air mar a tha luchd-còmhnaidh air an coimhead às an dèidh.

Fhuair an t-ùghdarras slàinte òrdugh air an 27mh den Chèitean mu na leasachaidhean a bha a dhìth.

Chaidh an ceann-là airson iad sin a choileanadh a leudachadh bhon 8mh den Iuchar dhan 25mh den Lùnastal. Mura tachair sin, tha cunnart ann gun caill Home Farm an clàradh aca.

Bhàsaich co-dhiù 11 daoine aig a' ghoireas ann an 2020.

Tha NHS na Gàidhealtachd, a tha an-diugh ga ruith, ag ràdh gur e am prìomhachas "sàbhailteachd agus sunnd" an luchd-còmhnaidh.

Thadhail luchd-sgrùdaidh air an dachaigh gun rabhadh sa Chèitean.

Thog an aithisg, taobh a-muigh aca sreath de dhraghan, nam measg ceistean mu shàbhailteachd luchd-còmhnaidh agus laigsean san sgioba-stiùiridh.

Am measg na dh'iarr iad 's e gum bi manaidsearan os cionn na seirbheis a tha "eòlach, sgileil agus co-fhaireachdainneil" agus a bheir stiùireadh don luchd-obrach gus "cùram coibhneil agus sàbhailte a thoirt seachad".

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gun do rinn iad adhartas ach gu bheil iad a' gabhail ris gu bheil obair a bharrachd a dhìth gus na leasachaidhean seo a choileanadh.

Thuirt neach-labhairt: "Tha sinn a' cur fàilte air sgrùdadh leantainneach na Buidhne-sgrùdaidh agus cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth le luchd-còmhnaidh, teaghlaichean, luchd-obrach agus buidhnean eile airson dèanamh cinnteach gu bheil Home Farm a' toirt seachad cùram aig àrd-ìre a tha sàbhailte agus coibhneil."