Dachaigh-Chùraim Home Farm fo shealbh NHS na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd Diluain gun do ghabh iad sealbh air Dachaigh-Chùraim Home Farm ann am Port Rìgh bhon chompanaidh phrìobhaidich HC-One.
Chaidh bàs 11 den luchd-còmhnaidh a chlàradh sa chiad sgaoileadh den choròna-bhìoras.
Bha am bhìoras air còrr agus 60 daoine eadar luchd-obrach na dachaigh agus na daoine a tha a' tàmh ann.
Sa Chèitean, dh' iarr Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gun deadh cead airson a bhith a' ruith na dachaigh-cùraim a thoirt bhon chompanaidh HC-One.
Bha dragh mòr ann mun dòigh san robh iad ga ruith agus an seòrsa cùraim a bhathar a' toirt seachad innte.
Ghabh am bòrd slàinte thairis an goireas bho HC-One às dèidh òrdugh cùirte èiginnich.
Piseach air an t-seirbheis
Thuirt neach-labhairt NHS na Gàidhealtachd gu robh iad air a bhith ag obair gu dlùth le HC-One airson dèanamh cinnteach nach biodh buaidh air an t-seirbheis fhad 's a bha an obair a' dol airson Home Farm a cheannach.
Chaidh Manadsair Clàraichte Eadar-Amail fhastadh airson an dachaigh-chùraim a stiùireadh tron athatharrachadh.
Nì NHS na Gàidhealtachd obair-chàraidh sna beagan sheachdainnean air thoiseach agus thèid an togalach a sgeadachadh.
Thuirt Dàibhidh Park, Leas Àrd Oifigear NHS na Gàidhealtachd: "Tha fios agam gur e àm doirbh a bha seo don luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean agus luchd-obrach.
"'S e prìomhachas NHS na Gàidhealtachd dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-còmhnaidh sàbhailte agus dòigheil agus gun tig piseach air a' chùram a tha iad a' faighinn.
"Cumaidh sinn oirnn a' bruidhinn ris an luchd-còmhnaidh agus an càirdean airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cumail fiosrachadh riutha."