Pàigheadh mhaor-cladaich shaor-thoileach air a ghlèidheadh

Maoir-chladaich a' dèanamh cobhair air boireannach ann an tuiltean ann am Brechin ann an 2023Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh plana airson stad a chur air pàigheadh mhaor-cladaich shaor-thoileach a chur a dhàrna taobh.

Bha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) air innse gum feumadh iad an t-seirbheis atharrachadh an dèidh òrdugh cùirte, agus ri linn sin nach fhaodadh oifigearan saor-thoileach a bhith air am pàigheadh tuilleadh bhon t-Sultain.

Tha na h-oifigearan a' faighinn air cur airson £11 gach uair de thìde fhaighinn airson iomairtean cobhair agus trèanadh.

Bha co-chomhairle a' dol air moladh fo nach fhaigheadh oifigearan saor-thoileach ach na cosgaisean aca air ais.

Ach chuir na Maoir-Chladaich fhèin an aghaidh sin, le taic bho bhuill-phàrlamaid - BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, nam measg.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Keir Mather, gu bheil cuid de na pròiseasan a chaidh a leantainn nach robh math gu leòr.

"Tha mi air èisteachd ris na beachdan agus an fhianais a thug Oifigearan Cobhair nam Maor-Cladaich mu mar a bheir na h-atharrachaidhean seo buaidh orra," thuirt Mgr Mather.

"Leis na draghan seo, tha an roinn agam air barrachd obrach a dhèanamh a sgrùdadh an fhiosrachaidh a chuir ri pròiseas a' cho-dhùnaidh.

"Bha e soilleir nach robh pàirtean den phròiseas trusadh fhiosrachaidh a th' air cùlaibh cho-dhùnaidhean obrach an MCA, gu h-àraid an dà shuirbhidh a rinneadh, mionaideach gu leòr airson buaidh nam molaidhean a mhìneachadh.

"Mar sin, faodaidh mi dearbhadh nach tèid planaichean airson gluasad gu modail saor-thoileach le cosgaisean a-mhàin gam pàigheadh bhon t-Sultain a chur an gnìomh, 's gun lean gnothaichean mar a tha iad an-dràsta."

Thèid obair a dhèanamh sna mìosan a tha romhainn, thuirt e, airson a' chùis a rèiteach san ùine fhada.