Feum air piseach a bharrachd aig Home Farm

Dachaigh-cùraim Home Farm am Port Rìgh
  • Air fhoillseachadh

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil obair a bharrachd a dhìth airson leasachaidhean a dh'iarr Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim aig Dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh a choileanadh.

Bha luchd-sgrùdaidh air cuid de leasachaidhean iarraidh ron 8mh den mhìos.

Thadhail luchd-sgrùdaidh air an dachaigh gun rabhadh sa Chèitean.

Thog an aithisg, taobh a-muigh aca sreath de dhraghan, nam measg ceistean mu shàbhailteachd luchd-còmhnaidh agus laigsean san sgioba-stiùiridh.

Dh'innis cuid de luchd-obrach cuideachd gun robh "cultar puinnseanta" anns an àite.

Chuir Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim fios gu NHS na Gàidhealtachd, a tha a' ruith Home Farm, is iad ag ràdh gum faodadh cead an t-àite a ruith mar dhachaigh-cùraim a bhith air a tharraing mura tigeadh piseach air gnothaichean.

Chaidh cinn-là 08/07 agus 01/08 a thoirt dhan bhòrd-slàinte airson diofar shlatan-tomhais a choileanadh.

Ann am brath ùr bho NHS na Gàidhealtachd, thathar ag ràdh gu bheil obair a' leantainn ach nach deach na targaidean uile a chaidh iarraidh a choileanadh.

"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim air co-dhùnadh gu bheil obair a bharrachd a dhìth gus na leasachaidhean a dh'iarr iad a choileanadh," thuirt am bòrd-slàinte.

"Bho rinn iad an sgrùdadh aca, tha sinn air obair mhòr a dhèanamh gus ceannas, riaghladh, dòighean-obrach is taic a bharrachd a neartachdh.

"Tha sinn cuideachd air barrachd taice a chur an sàs do luchd-obrach agus air luchd-obrach a bharrachd fhastadh.

"Ged a tha sinn air adhartas a dhèanamh, tha sinn ag aithneachadh gu bheil barrachd ri dhèanamh is tha sinn a' cur romhainn nan leasaichean eile a chur an sàs.

"Tha sinn a' cur fàilte air sgrùdadh bho Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim is cumaidh sinn oirnn a bhith ag obair le luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean, luchd-obrach is com-pàirtichean gus cùram sàbhailte, tuigseach aig àrd-ìre a thoirt seachad aig Home Farm, mar bu chòir".

Dh'innis Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim do BhBC Naidheachdan gun tèid iad air ais dhan dachaigh gun rabhadh airson sgrùdadh ùr a dhèanamh.

Thuirt iad nach can iad dad a bharrachd san eadar-ama.