Luchd-sgrùdaidh "draghail" mun chùram aig dachaigh Home Farm

Dachaigh-chùraim Home Farm ann am Port Rìgh
  • Air fhoillseachadh

Tha Luchd-sgrùdadh a' Chùraim air òrdan leasachaidh fhoillseachadh do dhachaigh-chùraim Home Farm ann am Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach.

An dèidh tadhal air an dachaigh-chùraim thuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh iomagain shusbainteach orra mun ìre de chùram a tha an luchd-còmhnaidh a' faighinn aig Home Farm.

Fon òrdan leasachaidh, feumaidh an dachaigh-cùraim dèanamh cinnteach gum bi ceannas sgileil is fiosrach le co-fhaireachdainn aig gach ìre tron t-seirbheis airson feumalachdan dhaoine a' choileanadh ron 8mh den Iuchar 2026.

Feumar cuideachd na leanas a dhèanamh:

  • dèanamh cinnteach gu bheil eòlas is sgilean freagarrach aig ceannardan airson na h-obrach aca agus a bhith stiùireadh luchd-obrach gus cùram sàbhailte le co-fhaireachdainn a lìbhrigeadh

  • siostaman seasmhach a chur an-sàs le loidhnichean uallaich a tha soilleir is cunntachas proifeasanta ann an riaghlachas slàinte is cùraim - a' gabhail a-steach dèiligeadh ri tubaistean no tachartasan sam bith san t-seirbheis

  • dèanamh cinnteach gu bheil plana ann airson cùisean a làimhseachadh mura h-eil ceannardan san àite obrach

Tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi an àireamh cheart de luchd-obrach anns an dachaigh-chùraim le na sgilean iomchaidh airson na h-obrach.

Agus feumaidh Home Farm dèanamh cinnteach gum bi an t-àite sàbhailte agus gun tèid daoine a dhìon bho chunnartan slàinte is sàbhailteachd.

Mura tèid na puingean seo uile a fhreagairt, agus mura tig piseach air an t-seirbheis, dh'fhaodadh gun caill an dachaigh-cùraim an clàradh oifigeil aca.

Thuirt neach-labhairt do Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim: "Tha sinn a' tuigsinn gu bheil seo doirbh do luchd-còmhnaidh, na teaghlaichean aca agus dhan luchd-obrach, ach 's e slàinte is maith dhaoine a' chiad phrìomhachas againn an-còmhnaidh."

Thuirt iad gun robh iad air òrdan fhoillseachadh air sgàth an dragh a th' orra agus gun robh iad a' conaltradh ri agus a' cumail sùil air an t-seirbheis airson a bhith cinnteach gun tigeadh piseach.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad a' gabhail cheumannan anns a' bhad airson cùisean a leasachadh.

Thuirt Arlene Johnstone, Àrd Oifigear NHS na Gàidhealtachd airson Cùram Sòisealta do dh' Inbhich: "Tha fios againn gum bi seo na adhbhar dragh do luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean agus an luchd-obrach againn.

"Tha plana soilleir againn airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh le ceannas a bharrachd agus taic chlionaigeach gus am bi ìrean cùraim sàbhailte a' leantainn."

Thabhainn iad leisgeul airson an troimh-chèile a dh fhaodadh èirigh às an seo agus thuirt iad gun robh iad airson piseach a thoirt air an t-seirbheis cho luath 's as urrainn dhaibh.

Ghabh NHS na Gàidhealtachd thairis Dachaigh-cùraim Home Farm bhon chompanaidh phrìobhaidich HC-One aig deireadh 2020.

Chaidh bàs 11 den luchd-còmhnaidh a chlàradh sa chiad sgaoileadh den choròna-bhìoras.

Bha am bhìoras air còrr agus 60 daoine eadar luchd-obrach na dachaigh agus daoine a bha a' fuireach ann.