Naidheachdan 11:00m
Andy Burnham
Dh'innis am Prìomhaire, Andy Burnham, gun tèid cur às do chìs VAT air dealan dachaigh bhon Dàmhair, a' sàbhaladh mu £45 gach bliadhna do dhachaigh sa chumantas. Thuirt an riaghaltas gum pàigh iad airson sin le bhith a' cur às dhan sgeama aithne ID a bha Sir Keir Starmer ag ullachadh, ach thuirt Darren Jones, a bha na Àrd-Rùnaire aig Sir Keir, agus a chaill a dhreuchd sa chaibineat an-dè, nach deach airgead a chomharrachadh mu choinnamh an sgeama sin.
John Swinney
Chuir John Swinney meal an naidheachd air a' Phrìomhaire ùr ann an còmhradh fòn sa mhadainn an-diugh. Thuirt neach-labhairt gun do bhruidhinn am Prìomh Mhinistear air co-obrachadh eadar an dà riaghaltas mu choinneimh chosgaisean bith-beò. Agus thuirt iad gun tug Mgr Swinney fiathachadh do dh'Andy Burnham gu coinneamh ann an Dùn Èideann air a' chiad chothrom.
Cion-cosnaidh
Dh'fhuirich ìre cion-cosnaidh na Rìoghachd Aonaichte aig 4.9 % sna trì mìosan dhan Chèitean a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Tha sin beagan nas fheàrr na bha eaconomaichean an dùil. Agus bha iasad an riaghaltais, an diofar eadar cosgais agus teachd a-steach bho chìsean, aig £16bn air a' mhìos seo chaidh, cha mhòr £8bn nas lugha na bha san Ògmhios an-uiridh.
Loganair
Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gum bu chòir cothrom a thoirt do chompanaidhean eile, seach Loganair, air seirbheisean adhair nan eilean. Tha Loganair a' gearradh sheirbeisean eadar na h-eileanan agus Inbhir Nis agus tha Mgr Robasdan den bheachd nach till na seirbheisean sin san Dàmhair mar a tha Loganair an dòchas a thachras. Tha Loganair air iarraidh air Riaghaltasan na h-Alba agus Westminster ro-innleachd ùr a stèidheachadh do sheirbheisean adhair nan eilean.
Teintean
Chaidh an rabhadh mu chunnart teine a-muigh air an dùthaich an Alba a' leudachadh gu deireadh na seachdain seo. Tha luchd-smàlaidh fhathast aig teine a thòisich Diciadain seo chaidh anns a' Ghleann Mhor ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Bidh am Prìomh Mhinistear, John Swinney, a' tadhal air an sgìre sin an-diugh.