Dragh mu oifis a' phuist am meadhan a' Ghearasdain

- Air fhoillseachadh
Nochd dragh mu na tha an dàn do dh'Oifis a' Phuist air Àrd-Shràid a' Ghearasdain agus a' bhùth sa bheil i stèidhte gu bhith a' dùnadh.
'S ann an lùib meur TG Jones (WH Smith mar a bha) a tha an oifis, agus dùil aig a' chompanaidh a dhùnadh an lùib ath-structaradh a tha iad a' toirt air a' ghnothachas.
Chan eil fhios aig an ìre seo cuin a thachras sin, ach tha ceist am bi oifis a' phuist ann am meadhan a' bhaile ri linn.
Thuirt Oifis a' Phuist Eta gu bheil iad a' sireadh dachaigh ùir dhan mheur.
"Tha dragh air a bhith ann mu Oifis a' Phuist sa Ghearasdan o chionn ùine leis gun robh i ga ruith air uairean cuingealaichte, oir 's e mo thuigse gun robh iad a' faighinn tàire ann a bhith a' fastadh dhaoine," thuirt Anndra Bacastair BPA, a bha roimhe na mhaighstir puist.
"Bha buaidh aige sin air muinntir an àite agus gnothachasan nach robh uair sam bith buileach cinnteach cuin a b' fheàrr a dhol ann.
"Tha oifisean puist nam pàirt riatanach de na coimhearsnachdan againn, gu h-àraid dha daoine nas sine nach eil cho cleachdte ri bhith a' faighinn seirbheisean air-loidhne.
"B' e fìor dhroch rud a bhiodh ann nan caillte oifis puist eile san sgìre."
Thuirt labhraiche às leth Oifis a' Phuist Eta gu bheileas a' sanasachd air-loidhne airson cuideigin eile a bhith a' ruith 's a' toirt dachaigh dha meur a' Ghearasdain, agus san eadar-ama gum faodar meuran na Corpaich agus Drochaid an Aonachain a chleachdadh.