Swinney: teintean fiadhaich "dùbhlanach"

Smàladair ri uchd an teineTùs an deilbh, DAVE MORRIS/WILDLND ETA
  • Air fhoillseachadh

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun bheil an suidheachadh le teintean fiadhaich an Alba an-dràsta "dùbhlanach" agus e a' tadhal air làrach teine ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh Dimàirt.

Bha Iain Swinney a' bruidhinn agus ceithir sgiobannan smàlaidh fhathast an làthair aig an teine a thòisich ann am Bealach Ruighe a' Bhothain Diciadain seo chaidh.

Tha e a-niste air còrr air 1,000 àcair fearainn a sgrios, agus tha daoine a b' fheudar an dachannan fhàgail sa Ghleann Mhòr Diciadain seo chaidh fhathast a' feitheamh fios mu bhith a' tilleadh dhachaigh.

Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gu bheil an teine a-niste gu h-ìre mhòir fo smachd, le sgiobannan gan cuairteachadh airson sùil a chumail air àitichean far a bheil e dualtach gabhail a-rithist.

Dh'iarr Mgr Swinney air a' phoball a bhith ri dol a-mach a sheachnas teintean fiadhaich.

"'S e suidheachadh gu math dùbhlanach a tha mu ar coinneimh a thaobh na h-uimhir de theintean faidhaich timcheall na dùthcha," thuirt e.

"'S e a' chiad rud gu bheil e buileach riatanach gum bi sinn uile gar giùlain fhèin ann an dòigh a sheachnas cunnart gun tòisich teintean fiadhaich.

"Tha comhairle Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba cho soilleir 's a ghabhas, a thaobh na tha a dhìth bhuainn uile."

Chaidh fìor rabhadh airson teintean ann am meadhan na Gàidhealtachd, ceann a deas agus taobh sear na h-Alba a leudachadh gu Dihaoine.