Muinntir a' Ghlinne Mhòir fhathast a' feitheamh fios mu thilleadh dhachaigh

- Air fhoillseachadh
Tha daoine a chaidh a thoirt às an dachannan ri linn teine fiadhaich ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh fhathast a' feitheamh fios cuin a dh'fhaodas iad tilleadh.
B' fheudar do dhaoine ann an sgìre a' Ghlinne Mhòir, agus luchd-turais a bh' aig làraichean campachaidh, falbh ri linn an teine.
Thòisich an teine ann am Bealach Ruighe a' Bhothain madainn Diciadain seo chaidh, agus e a-niste air mu shia cilemeatairean ceàrnagach a losgadh.
Tha luchd-smàlaidh ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh adhartais a dh'ionnsaigh a thoirt fo smachd, le sia sgiobannan agus goireasan speisealta fhathast an làthair sia làithean an dèidh don teine tòiseachadh.
Chaidh iarraidh air daoine a tha fhathast gun tilleadh dhachaigh am fiosrachadh aca a chlàradh leis na Poilis aig Taigh-Òsta MhicDhòmhnaill na h-Aghaidh Mòire an-dè.
Tha fear aca, Donnchadh Fearghasdan, a tha cuideachd air a bhith an sàs san iomairt an aghaidh an teine, a' togail ceist mu mar a chaidh falmhachadh dhachannan a' ghlinne a làimhseachadh.
"'S e an trioblaid, theirinn, cion fiosrachaidh," thuirt e.
"Nuair a chaidh ar toirt a-mach às ar dachannan cha tug na Poilis ainm duine sìos, no fiosrachadh conaltraidh. Chan eil beachd idir aca cò a thugadh a-mach às a' Ghleann Mhòr.
"An-diugh chaidh ar fiathachadh gu taigh-òsta airson clàradh gus am biodh fios aca cò a bha a' feumachdainn tilleadh dhachaigh.
"Tha mar a chaidh seo a làimseachadh dìreach gòrach fhèin."
Chaidh beachd iarraidh air Poileas Alba.
Dh'innis an luchd-smàlaidh Didòmhnaich gu bheil iad a-niste air an teine "a chuairteachadh" agus gu bheil iad ag obair a-niste gus a mhùchadh buileach.
Smàladairean dòchasach adhartas a dhèanamh an aghaidh teine fiadhaich
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Ceithir cilemeatair ceàrnagach air a losgadh ann an teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Iomairt a' leantainn an aghaidh teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Thuirt Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gun robh mar a bha cothrom air uisge a leagail air an teine bho heileacoptairean "ro-luachmhor" ann a bhith ga mhùchadh ann an sgìrean a tha doirbh a ruighinn.
Tha dùil aig an ùghdarras gum bi an sgìre timcheall air an teine dùinte dheth airson deagh ghreis fhathast.
"Tha an luchd-smàlaidh air innse gu bheil an teine a-niste an ìre mhath air a chuairteachadh. 'S e seo fhathast ge-tà, suidheachadh beò, agus tha sgiobannan fhathast gu math trang air an talamh, 's mar sin chan eileas cinnteach mu dheidhinn an-dràsta," thuirt Gavin Miles, aig an ùghdarras.
"Tha sinn taingeil dha-rìribh dhan a h-uile duine a tha a' cuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ris an teine seo sa Ghleann Mhòr, agus airson co-obrachadh mhuinntir an àite, luchd-tadhail agus ghnothachasan aig àm a tha gu math doirbh."
Thuirt an luchd-smàlaidh gun robh coltas gu math dòchasach a' tighinn air cùisean air feadh sgìre an teine thairis air an deireadh-sheachdain, agus gun dèan iad measadh air an fheum a th' orra a bhith an làthair thairis air na làithean a tha romhainn.
Ach, thuirt iad gu bheil sin a' crochadh air an aimsir agus mar a tha an teine fhèin ag atharrachadh.