Tìdsear Gàidhlig làn-ùine airson a' chiad uair an Loch Àlainn

Claire Ford
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Claire Ford a' chiad thidsear làn-ùine ann an Aonad Gàidhlig Bun-sgoil Loch Àlainn

  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ann an Loch Àlainn a' dèanamh gàirdeachais is iomairt gus tidsear Gàidhlig a lorg dhan bhun-sgoil aca air soirbheachadh.

'S i Claire Ford a' chiad thidsear làn-ùine ann an Aonad Gàidhlig Bun-sgoil Loch Àlainn.

Rinn pàrantan san sgìre iarrtas 'son FtMG bho thùs san t-Samhain 2023.

Às dèidh measadh a dhèanamh, dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd foghlam Gàidhlig a chur air dòigh ann an Loch Àlainn bhon Lùnastal 2025.

Ochnar sgoilearan òga nan seasamh ann an seòmar-teagaisg air an èideadh ann an deiseachan sgoile gorm dorcha agus gorm soilleir. Tha tidsear boireann na seasamh air an cùlaibh le lèine-T geal agus briogas dhorcha oirre. Tùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Claire Ford agus sgoilearan Gàidhlig Bun-Sgoil Loch Àlainn

Ach bha duilgheadas aca tidsear fhastadh is comhairlichean air cluinntinn gun robh seo "na dhùbhlan mòr" a thaobh FtMG a thoirt seachad.

Ged nach robh tidsear làn-uine ann, bha clann Loch Àlainn a' faighinn Gàidhlig bho thidsearan a bha san sgoil pàirt-ùine, a thuilleadh air taic bho sgioba thràth-bhliadhnaichean na comhairle is pàrantan le Gàidhlig, agus cuideachd tursan a dh'aonad Gàidhlig Àth Tharracail is ionnsachadh air-loidhne.

Tha sin a-nise seachad is Claire Ford air an dreuchd a ghabhail ann an sgìre a h-àraich.

"Chuir mi crìoch air a' bhliadhna phròbhaidh agam an-uiridh is bha mi ag iarraidh a bhith a' fuireach is ag obair san sgìre," thuirt Claire.

"Tha e cho snog gu bheil e faisg air far an deach mi fhìn dhan sgoil is tha e cho math a bhith a' faicinn Gàidhlig a' tighinn air ais dhan sgìre."

Erin McHale
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Erin McHale na pàrant ann an Loch Àlainn is i cuideachd ag obair san sgoil-àraich

Tha 14 clann ann am Bun-sgoil Loch Àlainn uile gu lèir is 8 dhiubh a' dol taobh na Gàidhlig.

'S e faochadh mòr a th' ann dha na pàrantan gu bheil tidsear a-nise aca.

Tha dòchas aca cuideachd gun tig teaghlaichean eile dhan àite is taighean aig prìs reusanta gan togail sa bhaile an-dràsta.

"Tha sinn uile air ar dòigh," thuirt Erin McHale, tè de na pàrantan.

"'S e deagh chothrom a th' ann dhan choimhearsnachd is dhan chloinn, is tha sinn an dòchas gum bi barrachd teaghlaichean a' tighinn".

Tha Gàidhlig cuideachd a-nise san sgoil-àraich is Erin i fhèin am measg na tha ag obair ann.

Jess NicEòghainn is sgoilearan ann an CataibhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Jess NicEòghainn a' teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh ann an Àrd-sgoil Far

Leasachadh an Cataibh

Tha Comhairle na Gàidhealachd air dearbhadh cuideachd gun deach tidsear Gàidhlig fhastadh airson dreuchd ùr aig Àrd-Sgoil Far ann an Cataibh.

Bha an t-ùghdarras ionadail air sanas-obrach a sgaoileadh nas tràithe am-bliadhna airson na dreuchd ùr leis an amas "spionnadh a thoirt do dh'oidhirpean gus a' Ghàidhlig a neartachadh san sgìre".

'S i Jess NicEòghainn a fhuair an obair.

Bidh i a' teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil le dùil cuideachd gum bi buannachd ann dha na bun-sgoiltean a tha ceangailte ris.

Thuirt an Comhairliche Drew Mac a' Mhuilleir, cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd, gu bheil an t-ùghdarras ionadail air an dòigh.

"Tha dualchas làidir Gàidhlig aig an dà sgìre seo agus tha na sgoiltean dealasach a thaobh a bhith a' brosnachadh is a' neartachadh na Gàidhlig mar phàirt bhunaiteach dhen chultar againn," thuirt an Comh Mac a' Mhuilleir.

"Tha mi fìor thoilichte gun deach aig a' chomhairle air na dreuchdan seo a lìonadh agus tha mi a' guidhe gach soirbheachas do na tidsearan is do na sgoilearan sna bliadhnaichean air thoiseach".