Dùil ri FtMG an Loch Àlainn an ath-bhliadhna

Bun-sgoil Loch ÀlainnTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Cluinnidh comhairlichean Diciadain mu adhartas a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Loch Àlainn le dùil gun tèid a stèidheachadh ann am bun-sgoil na sgìre an ath-bhliadhna.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd, taobh a-muigh, thathas ag innse gun deach iarrtas reachdail a dhèanamh roimhe is gu bheil an t-ùghdarras ionadail an dùil, le aonta phàrantan, gum bi FtMG ri fhaighinn san sgoil bhon Lùnastal 2025.

Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gu bheil cothrom a-nise aig clann ann an Ionad Thràth-Bhliadhnaichean Bun-sgoil Loch Àlainn air bogadh sa Ghàidhlig.

Co-labhairt

Cluinnidh buill na comataidh cuideachd barrachd fiosrachaidh Diciadain mun cho-labhairt Ghàidhlig a bhios aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-bhliadhna.

Bithear a' coimhead ri plana Gàidhlig an ùghdarrais agus 's e prìomh amas na co-labhairt luach cultarail a' chànain agus na buannachdan eaconomach a tha na lùib ann an saoghal a' ghnothachais a shealltainn.

Tha an aithisg ag innse gun cosg a' cho-labhairt £29,000 is gun deach cùmhnant airson an là a ruith a thoirt dhan bhuidhinn 21CC Group.

Bidh a' cho-labhairt ann air a' 1mh den Chèitean aig Eden Court ann an Inbhir Nis is tha obair a' leantainn gus òraidichean is clàr-obrach a dhearbhadh.